Beachd Ailein – 4 An Lùnastal 2022

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Feumar aideachadh gum bheil mòran a tha mì-chneasta mu shaoghal sam bheil ceudan mhìltean a’ bàsachadh le cion bìdh neo uisge, agus sam bheil aig an aon àm cuideigin a’ toirt milleanan dolair air deise speuradair!

San dùthaich seo fhèin tha cuid a dh’euslaintich a’ feitheamh uairean a thìde airson cobhair ambaileans agus a leithid eile dh’ùine ann an trannsa ospadail, leis nach eil leabaidh saor ri fhaotainn. ’S e saorsa phrìseil a th’ againne a dh’fhaodas gearan mu chion sheirbheisean cothromach, fiù ’s ged nach eil dearbhadh sam bith gum bheil sin dol a dh’atharrachadh an t-suidheachaidh! Saoilidh mi gun robh mìltean feadh an t-saoghail làn-thaiceil dha Uilleam Mac a’ Ghobhainn nuair a chaidh e gu àrd-ùrlar a thoirt sgailc dha Chris Rock an dèidh dhàsan magadh air buaidh tinneis air bean Mhic a’ Ghobhainn.

’S cinnteach gur i a’ cheist an seo dè seòrsa modh is còir a bhith ceadaichte ann an giùlan poblach a’ mhòr-shluaigh, agus tha fhios nach e giùlan mì-mhodhail neach-aithris an iùl as iomchaidh airson stiùir! Tuigidh sibh mar sin nach eil truas sam bith agamsa ri Chris Rock, agus saoilidh mi gun robh na thuirt e làn-airidh air a’ phleadhart a fhuair e!

Bidh mi tric cuideachd a’ saoilsinn gum bheil caochladh ùghdarrasan, agus an Riaghaltas nam measg sin, airidh air breab chruaidh nuair a tha iad a’ cleachdadh an cuid cumhachd gus maill mì-reusanta, nam bheachd-sa, a chur air rannsachadh mhearachdan san robh iad ciontach. Mar eisimpleir tha faisg air leth-cheud bliadhna bho chaidh mìltean a thruailleadh leis a’ ghalair HIV bho fhuil a chaidh a thoirt dhaibh ’s i air a gànrachadh le Hepatitis C, ach a dh’aindeoin na chaill am beatha is gach trioblaid a dh’fhuiling euslaintich agus an cuid theaghlaichean cha deach leisgeul ceart neo airgead dìolaidh a thoirt do dhuine fhathast. Tha fhios gum bheil sin nàr, agus saoilidh mise gum bu chòir dha siostam lagha na dùthcha gluasad fada nas luaithe ma tha an ceartas a tha e a’ riochdachadh gu bhith ga choileanadh gu h-èifeachdach.

Agus a’ bruidhinn air lagh, feumaidh mi fhìn aideachadh gum bheil mi bho àm gu àm air sin a bhriseadh le bhith a’ dràibheadh nas luaithe na tha an lagh a’ ceadachadh air caochladh ròidean.

’S cinnteach nach eil mi nam aonar san t-suidheachadh sin agus tha mi a-nise a’ faicinn gum bheil innleachd gu bhith sa h-uile càr ùr a thèid a thogail san Roinn Eòrpa bhon Iuchar am- bliadhna air adhart, a chuireas bacadh air an dìth toinisge againn! ’S e “Intelligent Speed Assist” (ISA) ainm na h-innleachd seo, agus ’s cinnteach gum biodh Taic Astair Thùrail (TAT) freagarrach mar thionndadh Gàidhlig dha oir ’s i an fhìrinn bhrònach gum bheil na ceudan a’ call am beatha air ròidean na dùthcha gach bliadhna ri linn a bhith siubhal ro luath. Theagamh gur e comas teicneòlach na h-innleachd a tha “intelligent” san ainm, ach gu cinnteach ’s e cion tùir a tha san astar!

Allan Campbell (ailean@obantimes.co.uk)