Allan Campbell – week 30 2022

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Tha mi a’ creidsinn gum bheil mòran ann a dh’eadar-theangaicheadh “neach sanntach” mar “entrepreneur”, fear neo tè a chunnaic neo a chruthaich cothrom air mòran airgid neo stòras eile a chruinneachadh thuca fhèin. Ge b’ e dè bheachd a ghabhar tha e gu cinnteach fìor nach e claonadh ùr sam bith a tha seo ann an nàdar a’ chinne-daonna, agus  gu tric faodaidh a’ mhiann sin air a’ bhuannachd as motha a dhèanamh daonnan a bhith na bhuaireadh dòrainneach dha daoine eile. Aig àm sam bith far an èirich eas-aonta eadar luchd-obrach agus am fastaiche, mar a tha a’ fàs bitheanta an-dràsta fhèin san roinn phoblaich, bithear tric ga fhàgail air an luchd-obrach gum bheil an cuid iarrtais airson àrdachadh tuarastail a’ cur ri atmhorachd eaconamaidh na dùthcha. Faodaidh sin a bhith fìor bho àm gu àm gun teagamh, ach mar a chuala mi tè de stiùirichean aonadh luchd-obrach rèile ag ràdh bho chionn ghoirid, tha an sannt prothaid aig stiùirichean chaochladh ghnìomhachais cuideachd ag adhbharachadh atmhorachd, ged nach cluinnear mòran iomraidh air sin! ’S e “profit-push inflation” a chanar ris a’ ghluasad sam bheil gnìomhachas a’ gabhail brath air atmhorachd gus an ìre prothaid aca a chur suas an lùib an àrdachadh prìse aig a’ bhathar a tha iad fhèin a’ ceannach ’s a’ reic, agus tha casaidean gan cluinntinn thall ’s a-bhos gum bheil mòran bhuidhnean-malairt air a bhith ciontach à leithid seo.

Le cosgais bith-beò an t-sluaigh a’ dol am meud gu ìre èiginneach chan iongnadh sùil a bhith ga thoirt air dè ghabhas dèanamh gus atmhorachd chosgaisean a lùghdachadh, agus a rèir na buidhne-coiteachaidh FairFuelUK tha a’ phrothaid aig luchd-reic connaidh air fàs bho 2019 gu ìre fichead not as gach làn-tanca carbaid! Tha luchd-sgrùdaidh chosgaisean nàiseanta connaidh aig an RAC ag aithris gun do thuit cosgais mòr-dhìol peatrail gun luaidhe fichead sgillinn gach liotair bho thoiseach an Ògmhios, ach aig an aon àm gun deach anns a’ bhitheantas a’ phrìs aig stèiseanan connaidh suas còig sgillinn deug! Far am bheil an Riaghaltas a’ togail cìs VAT air luach na thathas a’ reic saoilidh mise gum bheil e follaiseach gum bheil buannachd a bharrachd aig an Seansailear san t-suidheachadh seo cuideachd, agus mar a tha mi air a mholadh roimhe gum faodte ìre cìse a leagail gus daoine a chuideachadh. ’S e fìrinn na cùise gum feum greimeachadh air a’ phòsadh an-iochdmhor eadar cosgais bith-beò agus atmhorachd cho luath ’s a  ghabhas neo tha èiginn mhaslach dol a thuiteam air mòran de shluagh na dùthcha seo!

A’ tilleadh chun na ceiste a thaobh an eadar-dhealachaidh eadar sannt agus neach-tionnsgain, chòrd e rium gu mòr aithris film a chlàr am BBC san Eilean Sgitheanach, le Ridseard Dimbleby, fhaicinn a-rithist air BBC Alba. Bha e gu sònraichte math ùrachadh cuimhne fhaotainn air Ally Willie MacNeacail às an t-Sruthan agus fhaicinn ’s a chluinntinn cho beachdail, dealasach, agus dèanadach!  B’ e neach-tionnsgain a bha seo a rinn mòran na dhòigh fhèin gus daoine a bhrosnachadh agus a mhisneachadh!

 

Many will argue that there is a close link between entrepreneurship and old-fashioned greed, and recent evidence from the campaign group FairFuel UK and the RAC, of profiteering by some fuel retailers appears to prove that connection.

Rocketing inflation and increasingly crippling cost of living increases risk creating a national crisis if urgent mitigating action is not taken by government. With fuel cost a major contributor to escalating costs across all sectors, and suggested evidence of “profit-push inflation” by retailers, it is surely time for action to regulate opportunistic corporate greed.

I very much enjoyed watching again the 1954 BBC’s Richard Dimbleby programme on Skye, and particularly the interview with the inimitable human dynamo that was the late Ally Willie Nicolson of Struan. Unquestionably an entrepreneur, who in his own unique way did much to encourage and motivate the island’s people!