Allan Campbell – week 25 2022

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Air an deireadh seachdain seo chaidh a-rithist bha e na thlachd dhomh a bhith aig Mòd Ionadail, an turas seo ann an Inbhir Nis, agus mo mhìle beannachd aig gach Comataidh a tha ag obrachadh cho cruaidh agus cho dìcheallach gus na Mòdan Ionadail uile a chur air adhart.

Ged a bha buaidh mòr-ghalar nochdte air àireamh fharpaisich a’ Mhòid seo, mar a tha fìor aig tachartasan feadh na dùthcha, bha spionnadh is faireachadh toileachais làidir am measg na bha an làthair is daoine a’ cur luach air a bhith a’ coinneachadh ri chèile an dèidh ùine de bhacaidhean.

Gun teagamh bha sinn a’ coinneachadh cuideachd gus subhachas agus foillseachadh a dhèanamh le ceòl agus dualchas na Gàidhlig, agus a dh’aindeoin ’s mar a bha cùisean air an cuingealachadh fad dà bhliadhna bha britheamhan ciùil agus cànain a’ moladh nan ìrean a chual iad thar dà latha Mhòd Ionadail Inbhir Nis. ’S e fear de phrìomh amasan fhèis ciùil sam bith gum bi daoine a’ dol dhachaigh toilichte, an dà chuid gun deach iad chun an tachartais agus cuideachd leis na chuala ’s na chunnaic iad. Saoilidh mi gur ann mar sin a bha daoine a’ faireachadh is iad a’ fàgail Mòd Ionadail Inbhir Nis am-bliadhna, agus gu dearbh gum bi an aon rud fìor aig na Mòdan Ionadail gu lèir, agus nach bu mhath an teisteanas sin air cuirm sam bith!

Ach air cùl inntinn co-dhiù gach inbheach ’s e tlachd a bh’ ann an aire a thoirt air falbh bho sgeulachdan duilich an t-saoghail mhòir, agus na dùthcha seo fhèin, eadar buaidh cogadh na Ucràin, prìs connaidh gun srian, agus cosgais bith-beò a’ fàs gun smachd fo bhuaidh sin uile! Cha b’ iongnadh daoine bhith fàs iomagaineach leis mar a tha cùisean, agus mìltean mòra a’ sìor dhol ann am fiachan, agus gu ruige fìor bhochdainn, ann an tè de na dùthchannan as beartaiche san t-saoghal a rèir aithris. ’S e as draghaile uile gu lèir mun t-suidheachadh a th’ ann nach eil fianais gum bheil innleachd shoilleir aig an riaghaltas gus an dùthaich a stiùireadh tron staing seo, agus tha e furasta a thuigsinn carson a tha mòran ag ràdh gum bheil leasachadh do-dhèanta leis nach eil tuigse cheart aig Ministearan beartach air bochdainn.

Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo bidh seirbheis rèile na dùthcha air leth-chois fo bhuaidh stailcean de sheòrsa nach fhacas bho chionn iomadh bliadhna, agus aig àm a bhith a’ sgrìobhadh seo chan eil cus coltais air rèite. Chan eil e na annas a bharrachd gum bheil luchd-obrach ann an caochladh sheirbheisean eile cuideachd a’ sireadh àrdachaidhean pàighidh, an dèidh bliadhnaichean de theannachadh agus le cosgaisean de gach seòrsa a’ dol suas mar a tha a-nise. Tha e doirbh da-rìribh smaoineachadh air ciamar a thèid aig an riaghaltas air dèiligeadh ris an t-suidheachadh, ach feumaidh e sin a dhèanamh agus gu sgiobalta neo bidh cunnart gun tèid cuisean am miosad, fiù ’s gu ìre stailc-nàiseanta.

Allan Campbell (ailean@obantimes.co.uk)