Beachd Ailein – 16 An t-Ògmhios 2022

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Nach misneachail aithris air Mòdan Ionadail a bhith nochdadh sna pàipearan ionadail, a’ comharrachadh ùrachadh dòchais an dèidh còrr air dà bhliadhna de chuingealachadh chothroman de gach seòrsa.

Bha mise moiteil a bhith nam bhritheamh aig Mòd Ionadail Obair Pheallaidh Disathairne seo chaidh, agus ged nach robh na h-àireamhan fharpaiseach aig an ìre àbhaisteach cha robh dìth spionnaidh anns na chunnaic ’s na chuala sinn. Air sgàth nan duilgheadasan a tha Covid fhathast ag adhbharachadh cho-dhùin Comataidh-stiùiridh a’ Mhòid Ionadail seo gun dèilig iad le farpaisean òigridh nas fhaide air adhart san t-samhradh, ach chaidh iad air adhart le farpaisean inbheach agus chòisirean gus cothrom breithneachaidh thràth a thoirt dha farpaisich le sùil air adhart chun a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt san Dàmhair. Tuigear na dùbhlain a th’ air a bhith aig farpaisich aig gach ìre far nach eil cothroman air a bhith aca sgilean cànain agus seinn adhartachadh air àrd-ùrlair an cuid choimhearsnachdan fhèin, agus chan iongnadh gum bheil cuid iomagaineach a thaobh nochdadh air farpais phoblaich Mòid.

Ged nach robh sin na amas againn aig an àm a chuir An Comunn Gàidhealach Mòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne ann an 2020, thug ìre soirbheachais an tachartais sin gun deachaidh clàr fharpaisean na bu leatha air-loidhne an-uiridh an cois a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2021 an Inbhir Nis, agus dh’fhàg sin gum bheil dìleab luachmhor da-rìribh air tighinn às na duilgheadasan a thug glasaidhean mòr-ghalair oirnn. Mar a tha mi air a ràdh an seo roimhe tha na meadhanan air Mòdan Nàiseanta a sgaoileadh gu Gàidheil agus luchd-taice na Gàidhlig feadh an t-saoghail, ach thug Mòdan air-loidhne cothrom dha muinntir choimhearsnachdan thall thairis pàirt a ghabhail mar nach b’ urrainn riamh roimhe. ’S e drochaid luachmhor a tha sin dhan Ghàidhlig ’s dha cultar a bhios An Comunn Gàidhealach an dùil a neartachadh anns na bliadhnaichean romhainn, ach ’s e goireas prìseil a th’ anns na farpaisean air-loidhne aig ìrean ionadail cuideachd agus tha sinn toilichte gum bheil daoine a’ gabhail cothrom orra. Chan eil e na annas dhuinn nach eil cuid de na Mòdan Ionadail fhathast deiseil gus a dhol air adhart às ùr am-bliadhna, thèid na ghabhas de chuideachadh a thoirt dhaibh ag ath-stèidheachadh chomataidhean agus thachartais. Ach tha sinn uasal às gach sgìre a dh’amais air tachartasan a chur air adhart agus chan eil teagamh nach eil cothrom nochdadh air àrd-ùrlar air beulaibh luchd-èisteachd, agus beachdan bhritheamhan fhaotainn, sònraichte luachmhor air toiseach air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt.

Sin beachd a chualas bitheanta ann an Obair Pheallaidh Disathairne seo chaidh, agus cuideachd cho tlachdmhor ’s a bha e a bhith cruinn còmhla a-rithist am measg seann eòlaich, agus caraidean ùra, pàirt de bhuannachd bunaiteach gach Mòd! Naidheachd eile a bh’ againn mar bhritheamhan ann an Obair Pheallaidh b’ e gun robh na farpaisich air deasachadh iongantach a dhèanamh a dh’aindeoin chnapan-starra ghlasaidhean-sluaigh, agus cha robh teagamh againn nach biodh toradh an deasachaidh sin nochdte ann am Peairt!

Allan Campbell (ailean@obantimes.co.uk)