Beachd Ailein – 25 An t-Samhain 2021

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

’S gann a chreideas mi cho luath ‘s a tha mi a’ faireachadh an ùine a’ dol seachad, agus mun àm a bhios an colbh seo ga fhoillseachadh cha bhi ach ceithir seachdainean gu latha na Nollaige agus othail thiodhlacan is ròicean bìdh!

Nach bu mhath gur ann mar sin a bhiodh cùisean dha na h-uile, ach chan ann, agus tha e brònach smaoineachadh air na bheil troimhe chèile feadh an t-saoghail nuair a tha sinn a’ teannadh air ràith subhachais! Air crìochan na Pòlainn tha mìltean air an glacadh eadar ‘clach’ chruaidh Bhelarus fo smachd an-iochdmhor Alexander Grigoryevich Lukashenko, agus ‘sgrath’ arm na Pòlainn is saighdearan a’ dìon crìochan na dùthcha.

Tha bliadhnaichean bho thòisich na mìltean de dh’fhògarraich a’ dèanamh slighe fhada chunnartach bho chaochladh dhùthchannan an ear, is iad a’ sireadh sìth, cosnadh, agus beatha ùr air an taobh an iar.

Gun teagamh tha cuid a’ teicheadh bho gheur-leanmhainn agus ana-ceartas, tha feadhainn eile dìreach a’ lorg barrachd saidhbhreis eaconamach, agus ’s neònach mur eil cuid a dh’eucorach nam measg cuideachd. Ach ’s coma dè thug an taobh seo iad tha e doirbh dha neach ceart sam bith gun cho-fhaireachadh a bhith aige nuair a chì e na truaghain sin is iad fliuch, fuar, agus acrach, agus tric ann an cunnart am beatha a’ feuchainn tarsainn a’ Chaolais Shasannaich ann an sgollag de bhàta rubair neo plastaig. Aig an aon àm tha e doirbh cuideachd gun suim a ghabhail ann am misneachd agus diongmhaltas nan daoine sin, cuid aca a’ siubhal le clann òga, is iad a’ lorg ‘Tìr a’ Gheallaidh’ aca!

Ach chan e sin a tha ron a’ mhòr-chuid aca san Roinn Eòrpa idir, agus fiù ’s dhan fheadhainn a gheibh tèarmann ann an dùthaich air choreigin tha dùbhlain cosnaidh, teachd-an-tìr, agus dachaigh a’ feitheamh, gun iomradh air cunnart a’ bhìorais Covid 19 a tha a-rithist a’ sgapadh mar fhalaisg feadh chuid de dhùthchannan na h-Eòrpa.

An dèidh na tha a’ mhòr-ghalair seo air a dhèanamh de sgrios feadh an t-saoghail mar-thà tha e da-rìribh doirbh a thuigsinn carson a tha mìltean de shluagh a’ togail fianais agus ri eucoir an aghaidh bhanachdachaichean a tha a-nise dearbhte mar bhacadh is tilleadh air a’ bhìoras. Saoilidh mi gum bi mòran a’ faireachadh mì-chofhurtail mu riaghailtean a tha a’ sparradh banachdach, ach ’s e fìrinn na cùise gum bheil mòran de shluagh an t-saoghail mar-thà air a dhìon le banachdachaichean ghalaran mharbhtach eile a tha ga chur orra gun fhaighneachd. Theagamh gur e dìreach leisgeul a th’ ann dha cuid ùpraid agus cron a dhèanamh, agus abair eadar-dhealachadh bhon fheadhainn a thug na milleanan not seachad air an t-seachdain seo chaidh a-rithist airson a’ charthannais Clann ann an Èis aig a’ BhBC.

Chan eil teagamh nach e deagh theisteanas a tha seo air fialaidheachd sluagh Bhreatann, fiù ’s is cuid de na saighdearan againn a’ cuideachadh le togail challaidean air crìochan na Pòlainn gus clann agus eile a chumail a-mach às an Roinn-Eòrpa!

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk