Allan Campbell – Thursday November 18, 2021

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Tha e doirbh gun a bhith air do ghlacadh le measgachadh fhaireachaidhean ma tha thu ag amharc na seirbheis cuimhneachaidh nàiseanta bhliadhnail aig a’ Cenotaph ann an Lunnainn air Sàbaid a’ Chuimhneachaidh. ’S cinnteach gur e a’ chiad rud mar a dhùisgeas e cuimhne air càirdean, caraidean, neo dìreach eòlaich a b’ aithne dhuinn nach eil beò an-diugh. Theagamh nach robh iad riamh an sàs ann an cogadh fuilteach, ach gun do dh’fhuiling iad buaidh a leithid ann an dòighean eile. Gu follaiseach tha an cruinneachadh cuideachd na chothrom ùrachaidh eòlais air seann charaidean, ag ath-bheothachadh cuimhne air amannan agus tachartasan sona agus cunnartach anns an robh daoine còmhla. Chithear moit shean is òg a’ deàrrsadh air aghaidhean feadhainn a bha thall ’s a chunnaic, ged is dòcha nach can a’ mhòr-chuid aca mòran mu na thachair dhaibh. Theagamh gur e sin fear de na rudan as luachmhoire dhaibh anns a’ chruinneachadh, nach leig iad a leas bruidhinn mu na chunnaic ’s na dh’fhuiling iad leis gum bheil iad am measg fheadhainn eile a bha cuideachd uaireigin ri uchd bualaidh ach a thàrr às lem beatha.

Mar a tha mi air a ràdh an seo roimhe tha fios is cinnt gun do thogadh iomadh neach gu feachdan blàir an aghaidh an toile, ach bha an dleastanas air a sparradh orra agus rinn iad mar a dh’iarradh. Saoilidh mi gum bheil pàirt mhòr de fheallsanachd fastaidh fheachdan dìon air a bhonntachadh air na briathran a sgrìobh am bàrd Ròmanach Horace linntean air ais. Dulce et decorum est pro patria mori. Chaidh na faclan Laideann sin ionnsachadh dhuinne sa bhun-sgoil, còmhla ri an ciall, gum bheil e milis agus iomchaidh bàsachadh às leth do dhùthcha! Biodh beachdan air sin mar a bhios, tha dlùth chompanas agus co-obrachadh fheachd sam bith a’ cruthachadh fèin-mheas agus neart a tha deatamach a thaobh na h-ìre a shoirbhicheas daoine mar bhuidheann, agus tha moit nam buidhnean fa leth follaiseach nan giùlan ri àm sìthe agus blàir. ’S neònach mur eil duaisean blàir a’ dol air ais gu toiseach tìm a’ chinne-daonna, nuair a bhiodh buadhaiche na sabaid a’ gabhail seilbh air creach air choreigin. Tha mi a’ creidsinn nach eil latha eile den bhliadhna air am faicear uiread de bhuinn-cogaidh air am foillseachadh ’s a chithear air Sàbaid an t-Seirbheis Cuimhneachaidh, agus tha mi cinnteach gum bheil iad nam fianais air na rinn daoine seach nan subhachas.

Ged a chaidh m’ athair is a thriùir bhràthair tron Dàrna Cogadh chan eil cuimhne agam gum faca mi riamh bonn-cogaidh ga chaitheamh leotha, ged a bha a leithid aca uile, agus bidh na seallaidhean mun Cenotaph daonnan a’ toirt nam chuimhne na beachdan làidir mu bhuinn-cogaidh a chuala mi bho chuid de sheann shaighdearan Gàidhealach. “Greadhnachas! Thilg mi bhuam iad! Carson a bhithinn moiteil airson daoine eile a mharbhadh?” B’ e sin fear de na beachdan a th’ air leantainn nam chuimhne, bho fhear a choisinn aithne mar shàr cheatharnach cogaidh!