Allan Campbell – Thursday November 11, 2021

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Leis a’ Bheachd seo a’ nochdadh air ceann-latha cuimhneachaidh cho sòlaimte tha e iomchaidh aithne agus spèis mhaireann a’ chomharrachadh dha laoich a dh’ìobair am beatha anns an dà Chogadh Mhòr, agus anns gach blàr fuilteach eile bhon àm. Ged a tha fios is cinnt gun deach iomadh neach gu cath an aghaidh an toil, agus aig amannan le ceist fiù ’s carson a bha am blàr ga chur, choilean iad an dleastanas a chaidh orra agus ro thric chailleadh òigridh ghinealaichean. Gu ìre tha lot nam blàr sin fhathast ga fhulang is ri fhaicinn, gu h-àraid ann an coimhearsnachdan iomaill na dùthcha, far an tug e buaidh leantainneach air àireamhan sluaigh, is neart eaconamach, agus far na dh’fhàg crìonadh sluaigh cuideachd crìonadh ann an neart dualchais, cultair, agus cànain.

Gun teagamh b’ e sin pàirt de bhuaidh an t-strì gus saorsa a ghleidheadh dhuinne a tha beò an-diugh, agus a’ leantainn na sìthe tha riaghaltasan fa leth air a bhith a’ toirt gheallaidhean air leasachaidhean. Tha beagan air tachairt, ach tha sin cho slaodach is gum bheil dragh air mòran gum bheil an t-iomall dol a chall roimhe ’s às a dhèidh ri linn ’s cho màirnealach ‘s a tha adhartas a ghleidheas òigridh agus dòchas anns na coimhearsnachdan dùthchail sin.

Thàinig an t-sìth sa Chogadh Mhòr is dìreach uair a thìde samhlachail air fhàgail mus cuireadh an cinne-daonna às don t-saoghal, agus dh’aontaich ceannardan na cruinne gun ionnsaichte, agus nach tachradh a leithid a-rithist. Ach mar a tha mòr-thinneas Covid air a dhearbhadh tha iomadach seòrsa blàir a dh’fhaodas buaidh a thoirt air an t-saoghal, agus na òraid aig fosgladh co-labhairt eadar-nàiseanta COP26 ann an Glaschu air an t-seachdain seo chaidh, thuirt am Prìomhaire Boris Johnson gum bheil gànrachadh àrainneachd na cruinne air ar toirt gu beagan mhionaidean bho dhà uair dheug agus sgrios an t-saoghail! Ged nach robh for ann fad bhliadhnaichean gun robh uimhir de chron ga dhèanamh air an àrainneachd tha co-dhiù caogad bliadhna a-nise bho thòisich rabhaidhean air nochdadh bho eòlaichean, ach tha cumhachd ionmhais air bacadh a chumail air adhartas gus dìon a dhèanamh air a’ ghnàth-aimsir! Cha robhas ga thuigsinn mar chogadh ach gun fhiosta dhuinn tha sinn air a bhith a’ cur às dhan t-saoghal agus ar n-àite-còmhnaidh.

Ged a thug na cogaidhean a bh’ ann droch bhuaidh air na h-iomaill cha do chuir iad às dhan tìr, ach sin an dearbh chunnart anns am bheil uimhir de na coimhearsnachdan iomallach feadh an t-saoghail an-diugh. Tha at na mara a’ sìor bhleith nan cladaichean, agus far am bheil tìr ìosal thathas a’ cur air mhanadh dha gum faodadh sin a dhol à sealladh fon t-sàl ann am beagan bhliadhnaichean. Chan e a-mhàin gun caillear tìr ach falbhaidh sluagh, cànan, cultar, agus dualchas aig an aon àm. Abair adhbhar iomagain dhan t-saoghal agus chan iongnadh gum bheil uimhir de spàirn ga dhèanamh gus aontachaidhean sheasmhach eadar-nàiseanta a choileanadh gus cor a’ ghnàth-thìde a ghleidheadh ron dà uair dheug!

 

Remembrance Day, and so appropriate to honour the memory of all who fought, and all who died, in the two World Wars and in conflicts since. Some peripheral communities still bear the scars of these losses, struggling to retain young people where there are few employment opportunities, and a lack of housing and amenities. However, peace at the eleventh hour saved these communities from outright destruction!

In his opening address to the COP26 conference in Glasgow last week Prime Minister Boris Johnson described the climate crisis as having taken the world to within minutes of the symbolic 12th hour. Global warming is creating rising sea-levels which have the potential to submerge significant areas of land mass, destroying indigenous communities, with the loss of unique languages and cultures, across the world. Little wonder there is such anxious pressure to secure substantial environmental commitment by the time COP26 closes in Glasgow tomorrow.