Allan Campbell – Thursday October 21, 2021

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Saoilidh mi gun robh Rùnaire Ionmhais Riaghaltas na h-Alba, a tha cuideachd na Ball Pàrlamaid Albannach sgìre an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, Ceit Fhoirbeis, ceart ceist a thogail mun bheachd gur còir ’s dòcha an t-Eilean Sgitheanach a chomharrachadh mar Phàirce Nàiseanta. Tha an sgìre sin mar-thà, agus fad linntean, aithnichte a thaobh a mhaise agus tha na mìltean de luchd-turais a’ siubhal thuige gach bliadhna, agus a-nise an ìre mhath fad na bliadhna seach aig àm shaor-làithean samhraidh mar a b’ àbhaist. Leis gum bheil sin ag adhbharachadh dhuilgheadasan mòra feadh an Eilein a thaobh dìth ghoireasan iomchaidh le comas na bheil a’ nochdadh de shluagh a fhrithealadh, dh’fhaodadh inbhe ùr fiù ’s barrachd sluaigh a thàladh agus an trioblaid a chur am miosad. Gun teagamh, mar a thuirt am Ministear, ’s dòcha gum bheil cuid a’ cur air adhart a’ mholaidh seo mar innleachd gus amas air an tuilleadh maoin leasachaidh a tharraing dhan sgìre gus uireasbhaidh ghoireasan a leasachadh. Chan e tachartas annasach a bhiodh an leithid sin idir oir ’s tric a chithear coimhearsnachdan a’ feuchainn air iomairt eaconamach air choreigin, gu sònraichte mar mheadhan air leasachaidhean sòisealta cho math ri buannachd chosnaidhean.

Tuigear mar a thigeadh iomairt den t-seòrsa gu bith ach, ged nach eil dad ceàrr air a leithid ann am prionnsapal, tha rudeigin tur cas-ma-sheach ma shuidheachadh far am feum trioblaid a chruthachadh, neo fiù ’s a chur am miosad mas eil dòchas air leasachadh air uireasbhaidh eachdraidheil ann an coimhearsnachd air choreigin! Gu follaiseach ’s e mar a tha “marag” an ionmhais phoblaich ga roinn eadar caochladh fheumalachdan coimhearsnachd a tha tric a’ ciallachadh nach eil dad air fhàgail san sporan airson goireasan air an iomall a chur ceart, agus a tha a’ cruthachadh suidheachaidhean maslach far nach eil taighean-beaga no ionadan- ionnlaid poblach rim faotainn dha luchd-turais. Nach tric an duan seo anns na meadhanan, gum bheilear a’ tàladh mhìltean a thadhal air na sgìrean iomallach ach nach eil deasachadh iomchaidh ga dhèanamh mun coinneamh, a dh’aindeoin na buannachd eaconamach a tha gnìomhachas turasachd a’ cur ris na sgìrean sin. Chan iongnadh mar sin ged a bhiodh mòran a’ càineadh siostam dealbhachaidh na dùthcha a tha cho bitheanta a’ ceadachadh ceudan is mìltean de thaighean ùra a thogail an caochladh làraich gun solarachadh sam bith airson sgoiltean, bùithtean, neo sochairean chur-seachad mar phàirt de na cùmhnantan. Gu cinnteach tha an dùbhlan leasachadh fhaotainn air seann easbhaidhean na thrioblaid mòr gu leòr gun a bhith ag ath-chruthachadh an aon seòrsa dhuilgheadasan airson ginealaichean romhainn.

Ach ’s dòcha nach gabh an suidheachadh leasachadh mar a bhiomaid ag iarraidh oir tha saoghal calpachais an ìre mhath a’ riaghladh mar a tha taigheadas na dùthcha ga chruthachadh, agus a h-uile sgillinn buannachd ga fhàsgadh às gach togalach. A bharrachd air sin, fad ùine a-nise, tha a’ mhòr-shluagh air a bhith air am brosnachadh gus dachaighean a cheannach seach a bhith gan gabhail air mhàl.