Allan Campbell at the Mod

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now
Amas chunnartach air fhìreanachadh!

Bha mi cho moiteil na faclan gu h-àrd a chleachdadh mu Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2021, gu poblach, aig tional chòisirean Gàidhlig ann am Pàirce a’ Choinneachaidh mu Thuath ann an Inbhir Nis madainn Dhisathairne seo chaidh. Chrìochnaich am Mòd le ceòl tiamhaidh agus le daoine mar-thà a’ dèanamh fiughair ri coinneachadh às ùr ann am Peairt san Dàmhair 2022, nuair a bhios, tha sinn an dòchas, suidheachadh na dùthcha air ais gu àbhaisteachd ùr is Covid 19 fo smachd. Thug e toileachas dhomh fàilte a chur air àrd-riochdairean bho Chomhairle na Gàidhealtachd aig a’ chruinneachadh chòisirean seo, agus bha e na mhisneachadh cluinntinn bhuapa an dà chuid, mar a chòrd na chual iad den fhèis riutha, agus cuideachd cho toilichte ‘s a bha iad mun fhoillseachadh eadar-nàiseanta a thug am Mòd dha baile Inbhir Nis, is dhan Ghàidhealtachd, agus do dh’Alba gu lèir.

Feumaidh mi aideachadh gun robh iomagain orm fhìn agus air buill eile de dh’urras a’ Chomuinn mu bhith a’ cur a’ Mhòid air adhart ann an àrainneachd cho mì-chinnteach, ach bha sinn làidir den bheachd gum feumte seo fheuchainn oir gun robh a’ Ghàidhlig a’ call mar a b’ fhaide a mhaireadh sgaradh sluaigh. Tuigidh sibh mar sin an toileachas a bh’ ann dhomh nuair a chuir ball còisir meal-a-naidheachd orm airson ar cuid gaisge ann a dhol air adhart le Mòd, agus Mòd a shoirbhich! ’S iomadh slat-tomhais a dh’fhaodar a chleachdadh a’ measadh tachartas mar am Mòd ach chan eil teagamh nach eil ìrean cànain agus comasan seinn fharpaiseach cho cudromach ri gin a th’ ann.

Dhearbh sàr eòlaichean ciùil agus cànain uair às dèidh uair tron t-seachdain gun robh iad tur riaraichte gun robh an fheadhainn a bha a’ buannachadh nam farpaisean làn-airidh air urram nan duaisean a fhuair iad, agus bha an luchd-èisteachd sna tallaichean ag aontachadh! Eadar gach soirbheachadh sin ciamar nach bithinn riaraichte, agus moiteil à toradh na h-obrach mhìorbhaileach a rinn luchd-obrach a’ Chomuinn, buill na comataidh ionadail, agus luchd-taice saor-thoileach eile. Tha mi ’n dòchas gum bheil sibhse a bha an làthair agus an fheadhainn agaibh a bha ga amharc air-loidhne a’ faireachadh pailt cho toilichte leis na chuala, ’s na chunna sibh am-bliadhna, agus gum bheil fadachd gu bhith oirbhse cuideachd gu cuirm na h-ath-bhliadhna!

’S iomadh toileachas a thug mi fhìn às a’ Mhòd eachdraidheil seo, ach gun teagamh sam bith bha a bhith a’ faicinn agus a’ cluinntinn Calum MacColla a’ buannachadh Bonn Òir an t-Seann Nòis na thlachd air leth! Nach e mo sheann charaid Teàrlach nach maireann, fear de shàr cheatharnaich na Gàidhlig agus a’ Mhòid, a bhiodh cho moiteil, mar a tha sinn uile à Calum agus gach buannaiche eile anns gach farpais! ’S mòr mo thoileachas cuideachd meal-a-naidheachd a chur air Agnes Rennie air an deach duais Riaghaltas na h-Alba mar Thosgaire Gàidhlig 2021 a bhuileachadh, agus Rody Gorman air an deach urram Bàrd na Bliadhna aig a’ Chomunn Ghàidhealach.