Allan Campbell – Thursday October 14, 2021

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

A dh’aindeoin gach dùbhlan ris am b’ fheudar cothachadh air an t-slighe gu fosgladh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Inbhir Nis oidhche Haoine seo chaidh, bha fiughair oirnn ris agus ’s neònach gum bi mòran ùine ga chur seachad a’ smaoineachadh air dad eile chun am bi e uile seachad Disathairne seo tighinn. Seachdain de cheòl, crac, agus aighearachd an dèidh ùine cho fada fo bhuaidh riaghailtean agus bhacaidhean glasaidh, ach tha an saoghal a’ cur a charan agus tha tachartasan eadar-nàiseanta a’ bualadh oirnne mar Ghàidheil a cheart cho cinnteach ‘s a tha iad a’ toirt buaidh air daoine eile.

B’ e togail a bh’ ann cluinntinn gun robh cead gu bhith aig daoine a-nise siubhal gu ceathrad is seachd a bharrachd de dhùthchannan an t-saoghail, agus bha e mar gun robh bratach dhorcha ga sguabadh an dàrna taobh agus ag ùrachadh cuid de ar saorsa dhuinn. Ged nach eil an cogadh eadar-nàiseanta le Covid 19 seachad air chor sam bith, tha faireachadh a’ fàs gum bheil barrachd smachd ga fhaotainn air, agus gum bheil a’ mhòr-shluagh ag aithneachadh gum bheil e an dàn dhuinn a bhith beò leis a’ bhìoras anns na bliadhnaichean romhainn. Saoilidh mi gum bheil e tur ciallach dha daoine leantainn le bhith faiceallach a thaobh an cuid dìon slàinte, ach gun teagamh tha banachdachan air misneachd agus cofhurtachd nach beag a thoirt dhuinn uile a th’ air cothrom fhaotainn agus a ghabhail orra.

Ach ma tha barrachd misneachd san t-suidheachadh sin tha fìor adhbhar dragha anns an atmhorachd eagallach ann an cosgais gas, an connadh as bitheanta feadh na dùthcha airson dachaighean a theasachadh. ’S neònach gum facas leithid de dh’àrdachadh phrìsean, agus cho luath, riamh an seo agus chan iongnadh dragh mòr a bhith air daoine a thaobh na tha romhpa air a’ gheamhradh, agus anns a’ bhliadhna tha tighinn.

Chan eil briathran neo gnìomh bhon riaghaltas na chofhurtachd sam bith, agus gu dearbh ‘s ann a tha an argamaid gum feum cultar cosnaidh agus trèanaidh na dùthcha atharrachadh gu tur gus leasachadh sòisealta agus eaconamach a choileanadh na rabhadh air amannan doirbh romhainn. Theagamh gum bheil e fìor a ràdh gum bheil feum air leithid de leasachadh, ach cha tachair gluasad cho mòr ann am priobadh na sùla agus san eadar-ama tha feum air luchd-obrach nach eil againn. ’S ann an suidheachaidhean den t-seòrsa seo a tha e tric follaiseach nach eil tuigse air thalamh aig cuid de Mhinistearan agus buill an Riaghaltais air dè da-rìribh a th’ ann am bochdainn, far am bheil a h-uile sgillinn cho cudromach! Ciamar a thuigeas neach nach do dh’fhuiling?

Tha fhios nach còir a bhith riaraichte le feallsanachd a tha a’ maoidheadh gainne, acras, agus dìth blàiths, fad ùine a dh’ionnsaigh “tìr a’ gheallaidh” air choreigin. Chan eil dad ceàrr air amas a dh’ionnsaigh ceann-uidhe àraid, ach cha ghabh faotainn thar leithid de bheàirn ’s a tha a rèir coltais againn, gun drochaid de phoileasaidh thuigseach choibhneil a ghiùlaineas sluagh leis.