Air adhart gu àbhaisteachadh ùr!

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Na òraid aig fosgladh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Inbhir Nis Dihaoine seo chaidh thuirt an Comhairliche Sgitheanach Calum Rothach gur e “coimhearsnachd” rud cho cudromach ‘s a bh’ air a bhith againn uile fad nan ochd mìosan deug a chaidh. Ghiùlain neart caochladh choimhearsnachdan daoine tro ghlasadh-sluaigh agus sgàig an tinneis, agus tha dòchas againn a-nise gum bheil sinn air starsaich saoghail àbhaisteach a-rithist. Gu deimhinnte thog fosgladh a’ Mhòid air an fheallsanachd sin agus shaoil mi gun tug sinn ceum misneachail air adhart, ach chan ann air ais, gu àbhaisteachadh ùr! Bha luchd-ciùil air bhioran a’ tilleadh gu àrd-ùrlar a sheinn ’s a chluich fa chomhair luchd-èisteachd “beò” a bha iad fhèin gu follaiseach air am misneachadh, a cheart cho mòr, a bhith an làthair aig cruinneachadh a-rithist. Ged a bha àireamh na nochd aig cuirm an fhosglaidh na dhearbhadh gum bheil mòran fhathast beagan gealtach bho ghluasad a-mach, bha gu leòr cruinn gus fìor dheagh fhàilte a chur air sàr luchd-ciùil agus sheinneadairean, agus saoilidh mi gum biodh am faireachadh aighearach a bha san talla mhòr an Cùirt Aodainn Inbhir Nis a’ ruigheachd luchd-èisteachd air-loidhne feadh an t-saoghail.

’S e Mòd eachdraidheil a tha an seo airson caochladh adhbharan. Chan e a-mhàin gur e an aon Mhòd a chaidh a chur air ais bliadhna, seach mar a thachair aig amannan an dà chogaidh mhòir, ach tha tomhas dheth cuideachd a’ tachairt air-loidhne. Thig cothroman tric an lùib dhùbhlain agus chruthaich a’ chiad Mhòd air-loidhne, a ghabh àite an-uiridh, dòigh dha daoine feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail ann am farpaisean Mòid airson a’ chiad turas. ’S e drochaid chultarail Gàidhlig a tha seo a tha An Comunn miannach a ghleidheadh agus a neartachadh anns na bliadhnaichean romhainn, is comasan na h-eadar-lìn a’ sìor dhol am meud agus an saoghal a’ sìor “fhàs nas lugha” ri linn! Dh’fhàg buaidh na dh’ionnsaich luchd-deasachaidh a’ Mhòid air-loidhne an-uiridh, agus mì-chinnt a thaobh ìre nam bacaidhean a dh’fhaodadh a bhith oirnn fhathast aig àm Mòd na bliadhna seo, gun deach goireasan a chur air dòigh gus a’ mhòr-chuid de na thachras ann am prìomh thalla a’ Mhòid a chraoladh beò air an eadar-lìon far am bi cothrom aig Gàidheil agus luchd-taice na Gàidhlig feadh an t-saoghail air farchluais. Am-bliadhna cuideachd chaidh buileachadh duais Riaghaltas na h-Alba airson Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna, Crùnadh a’ Bhàird, agus òraidean an fhosglaidh a chlàradh ro-làimh agus an craobh-sgaoileadh air-loidhne.

Ceumannan misneachail agus adhartach, agus cothrom foillseachaidh eadar-nàiseanta a dhèanamh le mòr-mhoit air an tàlant mhìorbhaileach a th’ againn am measg shean is òg ann an saoghal na Gàidhlig, agus bha sin da-rìribh nochdte ann an cuirm fon ainm “Ar cànan ’s ar ceòl” feasgar Disathairne seo chaidh! Gu fàbharach bha deagh shluagh an làthair agus abair gun d’ fhuair iad fhèin, agus an saoghal, fìor annlan Gàidhlig! Tha mi ’n dòchas gum bheil am Mòd eachdraidheil seo a’ còrdadh ribh.