Allan Campbell – Thursday October 7, 2021

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

’S e facal blàth, a th’ ann an “tèarainteachd”, facal a tha a’ gealltainn saoghal a tha daoine ciallach uile ag iarraidh, far am bheil dìon agus sàbhailteachd àbhaisteach dha daoine. Tha an seòrsa tèarainteachd sin na amas aig a’ mhòr-chuid de dhùthchannan sìobhalta an t-saoghail agus tha e air bilean mhìltean luchd-poilitigs agus luchd-naidheachd gach latha. Ach feumar aideachadh gur e amas a tha seo a tha doirbh a choileanadh, agus fiù ’s nas duilghe buileach a ghleidheadh, agus tha meud nam feachdan dìon is poileas a th’ aig dùthchannan fa leth na dhearbhadh air ìre na spàirne a dh’fheumte gus cuimse a chumail air! Ma thachras gun trèig ball sam bith de na feachdan dìon sin an dleastanas, tha na feachdan gu h-iomlan a’ call tomhas de chreideas an t-sluaigh agus tha saothair mhòr a dhìth gus an earbsa eatarra ath-stèidheachadh. Sin an seòrsa suidheachaidh a th’  air nochdadh dha feachd Phoileas a’ Mhet ann an Lunnainn, is brùidealachd oillteil Wayne Couzens air esan fhàgail fo ghlais airson a’ chòrr de bheatha!

Gun teagamh sam bith, aig deireadh cùise, tha uallach an t-suidheachaidh an urra ri Coimiseanair a’ Mhet, Cressida Dick, ach ciamar nach biodh truas rithe neo ri neach sam bith na suidheachadh, a bhiodh a’ feuchainn ri leisgeul iarraidh ma choinneamh cron cho aingidh bho fhear den fheachd dìon aice fhèin. Ach sin mar a tha dleastanas daonnan an urra ri ceannardan bhuidheannan, agus tuitidh uireasbhaidh sam bith a ghabh àite gun fhiosta dhaibh ann an taghadh neach-obrach, neo anns an sgrùdadh ro-làimh air  comasan agus freagarrachd an neach sin, air guaillean a’ cheannaird. Ge b’ e dè cho staoin neo easbhaidheach a shaoilte a bha briathran a’ Choimiseanair, dè eile b’ urrainn dhith a ràdh ach gun robh i “cho duilich!” Theagamh gun robh urram agus modh dha cuimhne Sarah Everard agus a teaghlach anns na beagan fhaclan sìmplidh sin, air nach gabhadh bàrr cur le aithris mòran na b’ fhaide. A dh’aindeoin fianais eachdraidh air ìre borbachd a’ chinne-daonna, tha e doirbh cothachadh ris nuair a nochdas e mar seo, agus gu sònraichte bho oifigear poileas pòsta le teaghlach!  Chuir Couzens Sarah am bruid an dèidh a mealladh le cairt-ùghdarrais poileas, mun do dh’èignich is a mhurt e i, is a chuir e a corp na theine.

Gabhaidh cuid a th’ ann an cumhachd agus aig am bheil dleastanas, fasgadh bho chronachadh le bhith fàgail coire air leithid Cressida Dick airson a’ chunnairt sam bheil boireannaich air sràidean bhailtean na dùthcha, ach aig ceann cùise tha a’ chionta ann an da-rìribh oirnn uile nach eil a’ gabhail uallach gus burraidheachd de sheòrsa sam bith fhoillseachadh ach an tèid a pheanasachadh agus a cheannsachadh. Ach, na biomaid air ar mealladh a thaobh ìre na dùbhlain, bha neart riamh “a’ dol thar ceart”, agus ged a dh’fhàgas sin strì fhada romhainn feumar a dèanamh is a buinnig ma tha sinn gu bhith airidh air cliù sìobhaltaich a ghabhail oirnn fhìn!