Allan Campbell – Thursday September 30 2021

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Tha e àraid mar a thig rudan nad inntinn aig amannan ’s gun chinnt sam bith dè dhùisg a’ chuimhne.

Sin mar a dh’èirich dhòmhsa is mi a’ teannadh air a’ cholbh seo a sgrìobhadh, is a’ bhàrdachd aig John Donne, No man is an Island, agus an leabhar aig Ernest Hemingway For whom the Bell Tolls a’ tighinn nam inntinn.

’S neònach mura robh caochladh rudan a thug mi chun an litreachais sin, agus tha mi a’ creidsinn gur e fosgladh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhith faisg (8 Dàmhair) fear dhiubh sin. Tha obair mhòr ann an deasachadh Mòd sam bith, ach bha fear na bliadhna seo sònraichte duilich ri linn buaidh Covid naodh-deug, agus ’s iomadh lùb dom b’ fheudar stiùireadh thuige.

Thuirt sinn gum biodh am Mòd seo eadar-dhealaichte, ach dha na thig a dh’èisteachd aig farpaisean neo cuirmean-ciùil beò, neo a bhios ag èisteachd air-loidhne, tha toradh na h-obrach dhìcheallach aig sgioba A’ Chomuinn, agus luchd-taice saor-thoileach, a’ ciallachadh gun cluinnear sàr cheòl, agus gum faicear a’ Ghàidhlig air a foillseachadh le spèis agus urram!

’S e subhachas nar dualchas, agus an càirdeas a tha cho nochdte anns a’ chruinneachadh sluaigh aig a’ Mhòd, tomhas mòr de phrìomh amas a’ Chomuinn leis an tachartas gach bliadhna, agus tha làn-chreidsinn againn gun tachair leithid sin ann an Inbhir Nis am-bliadhna a-rithist, agus gum buannaich am baile à bhith a’ toirt aoigheachd dhan Mhòd!

Ach carson Donne agus Hemingway? Mar eileanach chan eil am facal eilean, neo a shamhla uair sam bith fada bhuam, agus tha mi mothachail air dùbhlain iomaill na dùthcha agus an spàirn a tha dhìth gus goireasan is cosnaidhean a chruthachadh a ghleidheas òigridh agus misneachd anns na sgìrean sin.

Tha cuimhne agam nam oileanach a bhith a’ breithneachadh na bàrdachd aig Donne agus a’ faighneachd an robh a’ bheachd aige a thaobh gach duine a bhith cho cudromach dha càch a chèile ag argamaid, os-ìosal, airson aon chànan is dualchas. Bha an leabhar cumhachdach aig Hemingway ag aithris sgeulachd bho thaobh a-staigh blàr sìobhalta na Spàinne, agus na prìomh charactaran a’ strì an aghaidh nam faisistich.

’S dòcha gun robh mar a bhuannaich na faisistich san Spàinn na bhrosnachadh dha uimhir seasamh an aghaidh an fheallsanachd oillteil anns an dàrna cogadh, ach ged a chaidh am blàr sin leotha tha eachdraidh a’ dearbhadh gum bheil faisisteachd làidir fhathast.

Dhùin an cearcall smuaintean sin is mi a’ leughadh sgrìobhadh an Àrd-Ollaimh Seumas Mac an t-Sealgair air mar is e an Gàidheal Iain A Dòmhnallach, ciad Phrìomhaire Chanada, a dh’òrdaich clann thùsanach a sgaradh bhon cuid choimhearsnachdan gu ruige sgoiltean far an d’ rachadh an cànan agus dualchas “fhoghlam asta”! Daoine borba, thuirt an Dòmhnallach, agus nan toirte foghlam dhaibh am measg an cuideachd cha bhiodh annta ach daoine borba le comas leughaidh is sgrìobhaidh! Nach deach an aon seòrsa beachd a thoirt air na Gàidheil dam buineadh e fhèin!

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk