Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday September 16

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Cha b’ iongnadh rudhadh gruaidhe a bhith air an Àrd-Ollamh Tod Walker is e air cuid de chùrsaichean Oilthigh na Gàidhealtachd (OGE), air a bheil e fhèin a-nise na Cheannard, a chur ann an suarachas!  Bhiodh mòran ga mheas car annasach gun robh sgoilear bho thaobh eile an t-saoghail a’ tagradh airson na h-obrach seo air Ghàidhealtachd, gun ghuth air a leithid a bhith ga stèidheachadh san dreuchd. Cha ghabh e bhith nach robh Walker air rannsachadh mionaideach a dhèanamh air na bha colaistean chaidreachais OGE a’ teagasg mas do chuir e airson na h-obrach seo. Bhiodh dùil gun deach ceistean  geur a chur air aig agallamh a thaobh a bheachdan air na bha an Oilthigh a’ dèanamh, agus tha fhios gun robh làn-chothrom aige a smaointean fhèin fhoillseachadh. Feumar faighneachd co-dhiù a nochd e barail aig an ìre sin gun robh cuid de na cùrsaichean a tha gan tabhann faoin, mar a tha e a-nise air a ràdh, agus ma bha fios aig an fheadhainn a thug an obair dha air a bheachdan dè tha sin ag innse mu fheallsanachd stiùiridh an Oilthigh anns na bliadhnaichean romhainn? Carson nach biodh cuid amharasach gun deach Walker fhastadh gus atharrachadh bunasach a thoirt air clàr chùrsaichean OGE?

Chan iad oileanaich a-mhàin, tha mòran de luchd-teagaisg cholaistean OGE cuideachd, aig nach eil cuimhne air àm far nach robh an oilthigh againn, agus ’s fhiach urram a nochdadh dha na ceudan a rinn spàirn fad iomadh bliadhna gus an goireas prìseil seo fhaotainn. Mar a bhios fios aig cuid agaibh cheangail structair OGE dà cholaiste dheug fo bhratach Oilthigh, agus ged a chruthaich sin dùbhlain a thaobh neo-eisimeileachd agus stiùireadh nan ionadan fa leth, thug e cothrom cudromach dha gach colaiste cùrsaichean a thabhann aig àrd-ìre foghlaim agus mar oilthigh sam bith tha OGE cuideachd a’ tàladh oileanaich far feadh an t-saoghail. Tuigear cuideachd gun tàinig sreath biurocrasaidh agus cosgais an lùib stèidheachadh OGE, ach saoilidh mi gun robh riamh tuigse ann nach fhaighte leithid de ghoireas gun chosgais.  B’ e an t-amas a bh’ ann bho thùs cothrom a thoirt do mhuinntir na Gàidhealtachd agus nan Eileanan oideachadh àrd-ìre fhaotainn cho faisg ‘s a ghabhadh air an coimhearsnachdan fhèin.  Bha dòchas ann gun lùghdaicheadh seo na bhathas a’ call de shluagh choimhearsnachdan an iomaill nuair a dh’fhàgadh iad air tòir foghlaim, agus bhathas cuideachd an dùil gum brosnaicheadh an goireas fèin-spèis agus moit choimhearsnachdan nan dualchas fhèin.  Chan eil teagamh nach eil an t-amas sin ga choileanadh air gach làrach oideachaidh agus tha toradh nan cùrsaichean eadar-dhealaichte nochdte ann an saoghal cosnaidh feadh na dùthcha agus thall thairis.

Ann an agallamh le pàipear-naidheachd ionadail thuirt An t-Àrd-Ollamh Walker, Ceannard OGE, nach biodh àite aig cùrsaichean faoin nach robh dol a chruthachadh cothroman cosnaidh. Tha e a-nise air iarraidh gun gabhar a leisgeul, agus e ag ràdh nach eil clàr-gnothaich falaichte sam bith ann gus cuid a chùrsaichean a mheas nas cudromaiche na feadhainn eile.  Dearbhaidh an ùine sin!