Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday September 9

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

’S neònach mura lean mòran de na seallaidhean agus na guthan tiamhaidh à Afganastan ann an cuimhne chuid againn fad iomadh bliadhna, nam measg sin bidh an dealbh den chaileig trì bliadhna a dh’aois a fhuaireas na cadal air sràid ann an Cabul, ‘s a tha a-nise na dìlleachdan. Ach ’s math an naidheachd gum bheil i fo chùram carthannais ionadail! Mar a bha mi a’ sgrìobhadh bho chionn seachdain tha na thachair ann an Afganastan air cron mòr a dhèanamh air ìomhaigh nan dùthchannan a bha an sàs san iomairt “leasachaidh” an sin fad fichead bliadhna, agus saoilidh mi gum bheil Ameireagaidh agus Breatann air an damaiste cliù as motha fhulang. Ged a dh’fhaodas an Ceann-suidhe Biden argamaid gun d’ rinneadh na ghabhadh dèanamh, bidh mòran nach toir maitheanas dha airson diùltadh feuchainn ri ùine a bharrachd fhaotainn gus an còrr de na fògarraich a thogail a-mach à Cabul. Bha mòr-chumhachd Ameireagaidh aig a’ phort-adhair an sin na dhìon cuideachd air na saighdearan Breatannach is eile a bha an sàs a’ cuideachadh gus na daoine aig an robh cead-siubhail fhaotainn troimhe.  Gu follaiseach chaidh uabhas fhàgail a dh’iarradh teicheadh bhon Talaban, ach nuair a thog Ameireagaidh às cha robh roghainn aig saighdearan Bhreatainn is dhùthchannan eile ach falbh cuideachd. Saoilidh mi nach bi e gu diofar dè cho làidir ‘s a dh’fhaodas Biden giùlan Ameireagaidh a dhìon chan eil teagamh nach robh dealbhan de shaighdearan Talaban air an sgeadachadh ann an èididhean, agus le armachd, Ameireaganach, na mhasladh cho goirt ‘s a dh’fhuiling an dùthaich sin fad iomadh latha!

Cha tèid Ameireagaidh an sàs tuilleadh ann an iomairtean armaichte gus suidheachadh dhùthchannan eile atharrachadh thuirt an Ceann-suidhe, agus ged a thuigear miann an amais sin, thig gu cinnteach amannan a-rithist far am bi impidh mhoralta ga fhaireachadh le dùthchannan sìobhalta cobhair a dhèanamh air sluagh a bhios a’ fulang cruaidh-fhòirneart. Aig an ìre seo tha Breatann agus Ameireagaidh am beachd earbsa a chur ann an iomairtean dioplòmasach gus buaidh a thoirt air riaghaltas ùr Afganastan, agus ’s e ùine a dh’innseas dè cho soirbheachail ‘s a bhios na gluasadan sin. Mar a tha an suidheachadh eagalach aig àm a bhith a’ sgrìobhadh seo tha e coltach nach eil cus smachd air “saighdearan” Talaban is iad a rèir aithris a’ murt dhaoine thall ‘s a-bhos gun bhacadh, agus chan iongnadh ànradh nam feadhainn a tha fon choill!

Ach dè mu chianalas agus ionndrainn nam mìltean a b’ fheudar teicheadh, aig nach robh miann fàgail ach aig nach robh roghainn dìon eile. Chunnacas cuid anns na meadhanan mar-thà a’ sileadh dheur chràiteach is fios aca nach till iad tuilleadh gu ruige dùthaich an sinnsir, is an dualchais! Chan annas seo idir agus leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail dìreach beagan sheachdainean romhainn bidh mìltean de shliochd nan Gàidheal, ann an dùthchannan feadh an t-saoghail, ag èisteachd gu cianail air-loidhne ri ceòl agus cànan na dùthcha bhon deach an cuid shinnsirean a ruagadh “gun bhàidh bhith riutha neo truas”!