Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday September 2

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Gu cinnteach tha dreach an fhoghair air tighinn air an dùthaich, agus ged a bhios sinn an dòchas ri beagan aimsire mhath air a’ bhliadhna fhathast tha sinn gu nàdarra dualach a bhith a’ tòiseachadh ri smaoineachadh romhainn gu geamhradh. Ged nach eil e ’s dòcha cho fìor èiginneach ann am beatha a’ mhòr-shluaigh an-diugh, beagan ghinealaichean air ais bha gleidheadh stòras beathachaidh a’ gheamhraidh, dha daoine agus ainmhidhean, deatamach da-rìribh agus na phrìomh amas ro dheireadh an fhoghair. ’S cinnteach gur e sin a dh’fhàg seirbheisean taingealachd foghair cho cudromach ann am beatha choimhearsnachdan cuideachd, is daoine a’ toirt buidheachas airson buannachd an cuid saothrach fhèin agus an toradh a bh’ aca ma seach airson làithean dorcha a’ gheamhraidh. Ged nach robh am facal dealbhachadh ga chleachdadh aca mar a th’ againn air leithid seo an-diugh bha plana-beatha aig daoine gun teagamh sam bith, plana a bh’  air fàs à eòlas agus cruadal bith-beò far an robh sluagh ann am bochdainn bhorb leantainneach. Cha robh aca ach mar a ghlacadh iad air muir a bha bitheanta cunnartach, agus mar a bhuaineadh iad air criomagan talmhainn corrach air tìr. Bha beatha làitheil na dleastanas dhòrainneach, ach bha tuigse ann gun dèanadh lìonmhorachd làmh an obair na b’ fhasa agus bha co-obrachadh agus earbsa an càch a chèile mar chleachdadh stèidhichte.

Mar a bhiodh dùil, ’s cinnteach, an-diugh tha gluasadan an t-saoghail mhalairteach sa bhitheantas air an dealbh bliadhnaichean ro-làimh, le tuairmse air cosgaisean agus cuimse air na buannachdan ionmhais as treasa a ghabhas. Agus ged a tha e àbhaisteach a bhith a’ faicinn beagan airgid dìon  ga chumail ma seach air  eagal ’s nach tachair cùisean mar a bha dùil is dòchas, feumar aideachadh gum bheil feallsanachd dealbhachaidh air a stèidheachadh air amasan soirbheachaidh, seach call. Saoilidh mi gum bheil sin nas fhìora buileach a thaobh ionnsaighean cogaidh, far nach eil e coltach gun tèid armachd sam bith an sàs le dùil nach buannaich iad. Chan eil sin ge-tà na leisgeul iomchaidh sam bith dha mar a tha air tachairt  aig port-adhair Chabul is mìltean de luchd-taice nan dùthchannan siar a bha an sàs an Afganastan fad chòrr air fichead bliadhna gan trèigsinn ’s an iomairt armaichte sin caillte. Ciamar as urrainn dhuinne dòrainn nan daoine sin a thuigsinn is iad fhèin ‘s an luchd-gaoil an cunnart am beatha fo amasan borb dìoghaltais an Taliban, agus ciamar as urrainn dha ceannardan poilitigeach agus airm nan dùthchannan sin an co-dhùnaidhean agus ghnìomhan a dhìon?  Bhiodh abairt aig mo sheann neach-teagaisg Calum MacLeòid, ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, nach biodh seanailear math a’ teicheadh bho bhlàr uair sam bith, gur ann a bhiodh e a’ tionndadh agus a’ caismeachd air adhart!

Ach a’ cur eirmseachd an dàrna taobh, tha fhios gum bheil còir aig teisteanas mhoralta a bhith na bhunait air poilitigs agus obair-airm dhùthaich shìobhalta sam bith, agus far nach eil sin a’ tachairt nach saoil sibh gum bheil fèin-spèis mhòr-shluagh na dùthcha sin air a shuarachadh!