Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday August 12

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

Is i an fhoighidinn mhath a chlaoidheas an anshocair! Tha amharas agam nach robh cus eòlais aig an neach a chruthaich an seanfhacal sin air càraichean gun ghuth idir air trafaig samhraidh rathaidean na Gàidhealtachd. Ged a tha greiseag bho nach fhaca mi dad ann an naidheachdan mu chuthach rathaid cha tuirt sin nach eil e fhathast ann, agus chan ann gun adhbhar! Nuair a thig an samhradh thig sgaoth de luchd-turais gu tuath ann an càraichean a ghabh iad air màl, glè thric carbadan a tha fada thar chomasan nan dràibhearan a th’ orra agus tha bhuil ann. Ged a thèid aca sa mhòr-chuid air an càr a chumail eadar na loidhnichean geala air rathad-mòr chan eil dad a thuigse aig mòran aca air leud a’ charbaid an coimeas ris an rathad, agus tha sin na fhìor thrioblaid is na chunnart nuair a thig iad a shiubhal rathaidean aon-fhìllte. Ge b’  e dè eile a dh’iarrar orra, bhiodh e na b’  fhasa dha cus aca an carbad ithe seach a stiùireadh an comhair a chùil, sgil a tha gu math deatamach air rathaidean cumhang singilte.

’S iomadh anshocair a thig air dràibhearan eile nuair a tha maill ga chur orra le càr a tha siubhal gu slaodach agus nach leig seachad feadhainn a tha ga leantainn. Chan iad  luchd-turais a-mhàin a tha ciontach à leithid sin agus chithear tric làraidhean mòra, neo busaichean, le sreang de chàraichean às an dèidh. Bha àm ann far an robh cliù “ridirean an rathaid” aig dràibhearan charbadan mòra, ach tha an latha sin seachad tha eagal orm agus chithear modh-giùlain gu math fèineil aig a’ mhòr-chuid de luchd-cleachdaidh nan rathaidean an-diugh. An e gum bheil drip an t-saoghail air leithid de ghrèim fhaotainn oirnn agus gum feum sinn a h-uile dad a dhèanamh aig peilear dearg ar beatha? Aig deireadh cùise chan eil a’ mhionaid neo dhà a bhuannaicheas sinn dol a dhèanamh cus eadar-dhealachaidh nar beatha. Cha tug mi iomradh fhathast air dòrainn làitheil eile a th’ aig dràibhearan, luchd-cleachdaidh rothairean agus luchd-coiseachd! Saoilidh tu gum bheil mòran dhiubh sin den bheachd gur ann leothasan a-mhàin a tha an rathad is iad a’ marcachd is a’ spaidsearachd feadh an àite gun sùil neo smaoin dha dad mun cuairt dhaibh! Sin an seòrsa smaointinn ghearaineach a  bha a’ ruith trom inntinn is mi air mo shlighe air ais às an Eilean Sgitheanach, tuigidh sibh gun robh a’ choire air daoine eile ’s gun mise a’ dèanamh dad ceàrr!

Ach a’ cur faoineas an dara taobh, tha mise glè mhothachail air a’ chòir a th’ aig daoine eile air rathaidean a chleachdadh, ach bha mi a’ faighneachd dhìom fhìn dè na cìsean sònraichte a bha am fear a bha romham fad deich mhìltean a’ pàigheadh a bha a’ ceadachadh dha riadhan feadh an rathaid a’ siabadh gu a thaobh fhèin a sheachnadh charbadan a bha tighinn thuige!  Bha mi a’ faireachadh beagan cuthach rathaid, ach chuimhnich mi an uairsin gum faigh foighidinn furtachd!