Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday August 5

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Problems logging in and require
technical support? Click here
Subscribe Now

’S tric a chluinnear an seanfhacal mun a h-uile latha a bhith na latha-sgoile, agus saoilidh mi gum bheil an abairt fìor ann an iomadach dòigh. Chan eil teagamh nach eil an seòrsa foghlaim a tha ga theagasg ann an sgoiltean cudromach dhuinn uile mar bhunait fiosrachaidh beatha agus cosnaidh, ach tha uimhir de sgilean a ghabhas ionnsachadh taobh a-mach seòmraichean-sgoile cuideachd a dh’fhaodas a bhith deatamach. Gu cinnteach dh’fhaodte comas snàmh a mheas mar aon de na sgilean sin. Ged a rinn mi oidhirp, feumaidh mi aideachadh nach do dh’ionnsaich mi fhìn snàmh ceart riamh, agus tha sin na thàmailt a dh’fhaodainn a leasachadh furasta gu leòr nam feuchainn. Ach tha sin, mar a tha a’ mhòr-chuid de chomasan, fada nas fhasa greimeachadh air nuair a tha neach òg agus chuirinn mo làn-thaice ris an iomairt a th’ air nochdadh bho chionn ghoirid ag iarraidh snàmh a bhith air a theagasg anns na sgoiltean. Dh’èirich an t-iarratas sin ri linn nan tubaistean muladach a chunnacas feadh na dùthcha far an deach na h-uimhir a bhàthadh is iad air an tàladh dhan uisge an àm teas samhraidh, agus tha e smaointeachail da-rìribh ionnsachadh na bheil gan call anns an uisge gach bliadhna.

’S iomadh duine a th’ air iongnadh a nochdadh thar nam bliadhnaichean mu cho beag de mharaichean a dhèanadh snàmh ged a bha iad a’ toirt an cosnaidh aig muir, agus bha sin fìor am measg Ghàidheil agus eileanaich cuideachd. Bhiodh m’ athair ag innse dhuinn mar a b’ fheudar dha fhèin snàmh ionnsachadh nuair a thilg a bhràithrean a bu shine e gu ruige na glumaig aibhne sam biodh iad a’ cluich! Cha d’ fhuair sinne snàmh ionnsachadh idir, agus theagamh gur e eagal a bh’ air ar màthair gun èireadh dunach dhuinn anns a’ mhuir oir cha robh an còrr àite dham faodamaid feuchainn.

Mun àm a bha mise faisg air crìochnachadh san àrd-sgoil bha a’ Bhean-phòsta Magaidh Weir a’ tadhal air bun-sgoiltean an Eilein Sgitheanaich gus lùth-chleasachd a thoirt dhan chloinn. Bha ise làidir na beachd air cho cudromach ‘s a bha comas snàmh agus chaidh aice air amar canabhais fhaotainn bhon Chomhairle agus bhiodh seo a’ siubhal an Eilein ann a’ bhan bheag agus ga chur suas aig sgoil mu seach ach am faigheadh a’ chlann snàmh ionnsachadh. Aig an àm bha cuid a sgoiltean a’ faotainn uisge à tobraichean agus uaireannan bheireadh e latha neo dhà a’ lìonadh an amair tro phìob! Mo mhìle beannachd air “Cailleach Weir”, cha robh duine riamh na b’ airidh air an urram MBE a fhuair i airson a cuid strì gus amar-snàmh fhaotainn anns an Eilean.

Thug i a’ mhòr-chuid den airgead a bha i air a chur mu seach, airson dachaigh a cheannach, dha iomairt an amair sin agus bha i a’ fuireach ann an carabhan! ’S iongantach mur do shàbhail na sgilean a thug i dha na bha sin de chloinn beatha neo dhà thar nam bliadhnaichean, abair teisteanas!