Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday July 22

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Thoir spèis dhan mhuir, agus cuimhnich daonnan air cumhachd an uisge! B’ e sin comhairle a chuala mi tric nam òige, agus tha mi a’ creidsinn gun do dhrùidh sin na bu mhotha leis gun robh e tighinn bitheanta bho inbhich a thug ùine mhòr dem beatha aig muir.  Far nach eil gainnead ann dheth faodar a bhith a’ dìochuimhneachadh gum bheil uisge na bhunait beatha air an t-saoghal is nach biomaid beò às aonais, is tha e doirbh dhuinne nach do dh’fhuiling mòr-thiormachd làn-bhuaidh tairt a thuigsinn.  Ach a bharrachd air beatha a thoirt dhuinn tha cumhachd an uisge air a bhith na ghoireas luachmhor dhan chinne-daonna fad linntean, bhon a chaidh a chleachdadh an toiseach gus  rothan mhuilnean a thionndadh chun an latha an-diugh far am bheil an aon neart a’ cruthachadh dealan dhuinn.  Air taobh an iar na dùthcha, is mi a’ sgrìobhadh  seo, tha mi a’ coimhead a-mach air latha glas le ciùrach uisge, agus mi ag èisteachd aithris air rèidio mu theas grèine feadh a’ mhòr-chuid eile de dh’Alba! Chan eil aimsir fhliuch na annas air an taobh an iar agus theagamh gur ann ri linn sin a tha muinntir na sgìre cho buailteach a bhith a’ gearan mun t-sìde. Ach ag èisteachd ri naidheachdan mun sgrios uabhasach a thug grad-thuiltean air pàirtean den Ghearmailt, a’ Bheilg, agus an Òlaind, theagamh nach bu chòir dhuinne a bhith cho deiseil gu bhith cràmhan.

Chaill mòran a h-uile càil a bh’ aca, chaill cuid am beatha! Ma bha riamh teagamh air cumhachd an uisge tha fianais dhòrainneach air bualadh air a’ chuid seo den Roinn Eòrpa le ceud gu leth air an dearbhadh marbh aig an ìre seo, agus ceudan eile air nach eil ròs fhathast. A rèir eòlaichean aimsire dh’adhbharaich gluasad neo-àbhaisteach anns an iarmailt gun do thuit dòrtadh uisge air an aon sgìre seo de thaobh an iar na h-Eòrpa fad uairean a thìde, chuir na h-aibhnichean thairis is sgaoil na tuiltean cho luath is nach robh ùine aig daoine deasachadh sam bith a dhèanamh ma choinneamh mòr-thubaist. Seallaidhean a tha cha mhòr do-chreidsinneach le bunaitean thogalaichean sgairteil air an sguabadh air falbh le cuideam shruthan fiadhaich uisge, agus gun ach càrn bhioran agus chlachan air fhàgail air làraich nan taighean. Far an robh bailtean beaga eireachdail air stèidheachadh thar linntean chan eil a-nise ach tobhtaichean air an tachdadh gun tròcair le eabar agus sprùilleach.

Chan iongnadh gum bheil ceannardan poilitigeach air a bhith ag ràdh gur e lèirsgrios a th’ air tighinn air na dùthchannan aca, agus cha mhotha na sin a tha e na annas gum bheilear a’ faighneachd an e blàthachadh na cruinne màthair-adhbhar na thachair. Eadar an sgrios mhillteach seo san Roinn-Eòrpa agus an teas mì-nàdarra a th’ air caoban mòra de thalamh ann an Ameireagaidh a chur nan smàl, saoilidh mi gum bheil clàr chuisean agus co-dhùnaidhean cho-labhairt COP ann an Glaschu san t-Samhain a’ fàs nas èiginniche gach latha thèid seachad.