Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday July 15

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

“Innis dhòmhsa cài’l thu cadal, cài’l thu cadal, cài’l thu cadal, …..” 

’S dòcha gur e mothachadh gum bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ teannadh a dh’fhàg faclan a’ phuirt ud a’ tighinn gum inntinn air mo thuras tron Eilean Sgitheanach Disathairne seo chaidh, is truimead trafaig sròn ri earball cha mhòr a’ toirt tuaineal orm!  Tha e doirbh a thuigsinn gu dearbh càite am faigh na mìltean a tha a’ tadhal air an Eilean àite-fuirich agus ’s dòcha nach beag an t-iongnadh a bhith a’ faicinn theantaichean thall ’s a-bhos, a bharrachd air na bhanaichean campachaidh a th’ air fàs cho lìonmhor bho chionn beagan bhliadhnaichean a-nise. Chan eil dad as taitniche dhan neach a tha ri margaideachd na bhith a’ faicinn an t-sluaigh a’ gabhail aire agus miann dha na tha ga reic, ach ’s e fìor dhùbhlan a th’ ann nuair a shoirbhicheas cùisean  chun na h-ìre ’s gum bheil an t-iarratas a’ fàs ro mhòr. Sin mar a th’ air tachairt, ann am beachd chuid de luchd-còmhnaidh na sgìre, a thaobh slighe an NC500 eadar taobhan an iar, tuath, agus ear na Gàidhealtachd. ’S e an duilgheadas nach gabh smachd cur air àireamhan nan daoine a thig aon uair ’s gum bheil iad air an glacadh leis an t-sanasachd. A rèir coltais chan eil cosgais àitean-fuirich gan cumail air falbh, oir mar a chuala mi fear-naidheachd ag ràdh air telebhisean bha e air rannsachadh a dhèanamh a sheall gum faighte cha mhòr seachdain ann an leithid Malta air na chosgadh aon oidhche ann an taigh-òsta ann am Port Rìgh!

Chan eil na h-òrain aig Màiri Mhòr fada bhom inntinn aig àm sam bith, agus tha mi uasal à Fèisean nan Gàidheal airson na h-aithne a tha ga thoirt dhan bhana-bhàrd chumhachdach seo ann am Fèis Blas na bliadhna. Bha dà cheud bliadhna sa Mhàrt seo chaidh bho rugadh Màiri ann an Sgèabost san Eilean Sgitheanach, agus sgrìobh i an t-uabhas bàrdachd agus òrain a chluinnear bitheanta fhathast is mòran dhiubh sin mu eilean a h-àraich. Leis gun robh Màiri beò nuair a bha strì an fhearainn air Ghàidhealtachd aig àirde, agus le ùidh mhòr aice anns na bha a’ tachairt agus i taiceil dha cor nan croitearan, chan iongnadh sin a bhith follaiseach  tric na cuid bàrdachd.  Theagamh gum bi daoine ann a bhios den bheachd nach eil cuid de bhriathran bàrdachd Mhàiri, ann an leithid “Eilean a’ Cheò”, iomchaidh ann am modh-giùlain an latha an-diugh, ach chan aithne dhomh gun do chuir sin riamh bacadh air na h-òrain a bhith gan seinn agus bidh fiughair orm cuid aca sin a chluinntinn aig Blas.

Dè shaoileadh leithid Màiri Mhòr den Eilean Sgitheanach an-diugh, agus gu sònraichte mu na bheil de luchd-turais ga ruigheachd is ga shiubhal! Gu cinnteach bhiodh beachd na bana-bhàird a’ nochdadh ann an dàn neo aoir bhiorach neo dhà, agus theagamh gur math dhan ghnìomhachas nach eil sùil gheur Nighean Iain Bhàin air!