Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday July 8

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Chluich sgioba bhall-coise Shasainn fìor mhath an aghaidh na Ucràinne Disathairne seo chaidh, agus feumaidh sinn cur suas le luchd-aithris a’ bruidhinn gun sgur ma dheidhinn a’ gheama! Ged nach do shoirbhich le Alba ann am farpais na h-Eòrpa chluich iadsan gu math cuideachd, gu sònraichte an aghaidh Shasainn, agus nan robh iad air soirbheachadh bhiomaidne a’ bòstaich! Ach a’ cur dùthchas an dàrna taobh ’s fhiach aithne a thoirt dhan togail a fhuair milleanan de shluagh ri linn ’s mar a bhuannaich sgioba Shasainn. Rinn eòlaichean moladh air aon neart sònraichte ann an sgiobaidhean Shasainn agus Alba, ’s e sin an ìre ’s gun do choimeasgaich cluicheadairean mar bhuill buidhne seach mar chleasaichean singilte. Bidh sinn uile bho àm gu àm a’ beachdachadh air cho cudromach ’s a tha luchd-dàimh, agus luach càirdeis mhaireann, ’s an neach chun an d’ rachamaid a shireadh cobhair aig àm èiginn.

Chan iongnadh fiughair a bhith aig a’ mhòr-shluagh is an dùthaich air starsaich fosglaidh bho na riaghailtean sin a th’ air a bhith cho dòrainneach fad ùine cho fada, agus sinn uile a’ coimhead le misneachd ri bhith a’ tilleadh gu tomhas de dh’ àbhaisteachd a-rithist. Ach tha aithne ann nach urrainn cùisean a bhith gu tur mar a bha oir tha dùbhlan Covid 19 gu bhith gar bagairt fad ùine romhainn, agus tha eòlaichean a’ rabhadh gum feum sinn ionnsachadh cothachadh leis a’ bhìoras mar a thathas a’ dèanamh, mar eisimpleir, le fliù. Fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh seo tha mi ag èisteachd aithrisean air telebhisean mu na beachdan aig Rùnaire na Slàinte, Sajid Javed, gun toir cur às dha riaghailtean a’ choròna-bhìorais leasachadh air slàinte an t-sluaigh. Tha seanfhacal ann a tha ag ràdh gum bheil cothrom an cois gach dùbhlan, agus saoilidh mi gum bi mòran a’ beachdachadh air dè na dìleaban feumail a nochd dha sluagh na dùthcha seo à cruadal glasaidh-sluaigh thar na seachd mìosan deug a chaidh seachad. Saoilidh mi fhìn gur e leudachadh eòlais air nàbaidhean, agus fàs càirdeis, aon de na buannachdan sin. Chuala mi neach-naidheachd a’ bruidhinn air sràid àraid far nach robh ach an deicheamh pàirt de luchd-còmhnaidh eòlach air a chèile, ach an dèidh dùbhlain a’ bhìorais seo tha sin nas fhaisge air ochdad sa cheud. Nach bu mhath gum maireadh an cleachdadh sin agus buannachd an neartachaidh a tha e a’ toirt dha coimhearsnachdan. Chunnaic sinn uair is uair mar a thig modh-giùlain gu bhith àbhaisteach, mar a tha fìor mar eisimpleir le cleachdadh chriosan-sàbhailteachd chàraichean, agus glè thric tha daoine a’ gabhail ri riaghailt far am bheil iad a’ tuigsinn a chuid cèille.

Bidh ciall deatamach dhuinn uile a’ dol air adhart le Covid, agus bidh sin a’ ciallachadh gun gabhar comhairle agus stiùireadh eòlaichean, ag imeachd mar choimhearsnachd seach gu fèineile mar a rinn na shiubhail gu ruige Lunnainn gun tiocaidean nuair a bha Alba a’ cluich Shasainn!