Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday July 1

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Bliadhnaichean air ais nuair a bha mi fhìn agus cuid eile a’ brodanachadh gnìomhachas turasachd na dùthcha, gun chus soirbheachaidh, gus aithne a thoirt dhan Ghàidhlig agus a cultar nan cuid margaideachd tha cuimhn’ agam gun robh fiù ’s Buill seann Chomhairle Sgìre an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse teagmhach mun argamaid againn.

Chaidh rannsachadh bheachdan ceud neach-turais a dhèanamh ann am Port Rìgh air feasgar samhraidh agus chuir e iongnadh air na Comhairlichean gun tuirt còrr air dà thrian gun robh iad ag iarraidh Gàidhlig a chluinntinn is fhaicinn!  Thug e ùine mhòr eile mun do thachair e, ach ’s math a bhith a-nise a’ faicinn an aithne a tha Tadhail Alba a’ toirt dhan chànan, agus am plana is am poileasaidh a th’ aig a’ bhuidheann dha taobh. Ach a dh’aindeoin sin tha e follaiseach gum bheil e doirbh dha daoine a tha an sàs ann an obair-aoigheachd greimeachadh air na cothroman a tha an lùib na Gàidhlig mar shàr tharraing bhuannachdail. Chan eil teagamh, saoilidh mi, nach dèanadh leithid de dh’fhoillseachadh feum a thaobh inbhe agus ìre a’ chànain, agus fàs cuideachd air àireamh luchd-ionnsachaidh. Le fios gum bheil mu leth mhillean neach an sàs ag ionnsachadh Gàidhlig an-dràsta, tha fhios nach robh e riamh cho iomchaidh a bhith mothachail air a’ chothrom a th’ ann luach a bharrachd a chur air na dh’fhiosraicheas luchd-tadhail ann an Alba, agus gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd, Innse Gall,  agus na h-Eileanan an Iar.

Thar leth-cheud bliadhna tha cosnadh bho thurasachd air fàs gu bhith na phrìomh phàirt de theachd-an-tìr Alba, agus ged a tha ceann a tuath ’s an iar na dùthcha a’ faotainn tomhas mhath den sin tha dragh ann gum bheil dìth plana-leasachaidh coileanta na chnap-starra agus thathas ag obair a dh’ionnsaigh leithid sin a-nise. Cha ghabh àicheadh  gum bheil cosgais àitean-fuirich is ithe air fàs gu math daor an seo, agus tha feum air a h-uile tarraing a ghabhas foillseachadh anns an fharpais luach airgid le bailtean turasachd thall thairis. Ri linn sin uile tuigidh sibh mo thàmailt a thaobh nan cothroman caillte, na mo bheachd-sa, ann an dà iris bhrèagha dhathte a thàinig thugam tro phàipearan-naidheachd air an t-seachdain seo chaidh. Bha iad le chèile a’ margaideachd na Gàidhealtachd is nan Eileanan, ach a bharrachd air facal neo dhà ann an ainm ionaid an siud ’s an seo chan fhaca mi iomradh air Gàidhlig anns na h-aithrisean mu na rudan a tha tarraingeach dha luchd-tadhail. Chan urrainn dhòmhsa a thuigsinn ciamar, aig a’ char a bu lugha, nach do nochd rudeigin mu eachdraidh bheò a’ chànain, a ceòl, is a buaidh air ainmean-àite. Mo nàire air cothrom caillte dhi, agus dhan ghnìomhachas!

VisitScotland rightly recognises the unique added interest which Gaelic language and culture offers to both staycation and foreign visitors, so it was a disappointing missed opportunity for the industry and the language to see no reference to Gaelic in two otherwise nice marketing publications last week.