Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday June 10

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Bidh eileanaich eile tric a’ magadh oirnn ach tha e nàdarra dha Sgitheanaich a bhith a’ bruidhinn air “an Eilean”, mar nach robh ann ach e fhèin! Nuair a thug sinne cuairt a-null bho chionn beagan làithean, agus a lean aimsir àlainn bhlàth fhad ’s a bha sinn ann, bha maise an àite gun teagamh airidh air urram. Bha ìre trafaig na dhearbhadh gum bheil mìltean dhaoine mothachail air àilleachd nan seallaidhean a tha rim faicinn ann, agus bha lùghdachadh air bacaidhean siubhail a’ phandemic follaiseach. Nuair a thadhail sinn ann am “baile mòr Phort Rìgh” bha an t-àite mar nead sheangan le sluagh, agus cha b’ iongnadh fiamh gàire toileachais a bhith air gnùisean cheannaichean a’ bhaile an dèidh fulang buaidh glasadh-sluaigh fad ùine cho millteach.

A dh’aindeoin nam bliadhnaichean a tha mi air a bhith a’ siubhal ròidean na Gàidhealtachd tha an ùine a bharrachd a bheir turas sam bith feadh mhìosan an t-samhraidh daonnan na annas, agus saoilidh mi gum bheil cùisean a’ sìor dhol am miosad. Tha àireamh charbadan a’ dol am meud na phàirt den adhbhar, ach tha rudan eile a’ toirt buaidh cuideachd. Fad iomadh bliadhna a-nise tha carbadan de gach seòrsa air a bhith a’ fàs nas motha, nas leatha, is nas truime, ach ann am pàirtean mòr den dùthaich chan eil leasachadh co-ionann air tighinn air ròidean, mòran dhiubh a chaidh an togail bho thùs mar shlighean-cartach. Ged a bha e math obair-leasachaidh fhaicinn air cuid de ròidean an eilein, agus càradh air pìosan a th’ air a bhith corrach agus a’ sìor dhol bhuaithe fad bhliadhnaichean, ’s e fìrinn na cùise nach eil faisg gu leòr buidseat ma choinneimh na bheil a dhìth gus staid nan ròidean air fad a thoirt gu ìre. Mar a tha ùine a’ dol seachad chan eil riaghaltas a’ greimeachadh air an t-suidheachadh agus, math ’s gum bheil am beagan a tha a’ tachairt, chan eil e ach a’ diogladh dùbhlan a tha a’ sìor dhol am meud. Mar eisimpleir tha an dìol a tha làraidhean a’ toirt air fàl ròidean cumhang, mar phàirtean den t-slighe eadar Srath Charrain agus ceann rathad an t-Sròim, a’ fàgail shlocan cunnartach a dh’fhaodas fìor chron cosgail adhbharachadh air carbadan eile a bhuaileas annta gun fhiosta.

Gu mì-fhortanach cha mhise an duine mu dheireadh a thogas argamaid gun còir ionmhas ciallach a thasgadh ma choinneimh gnìomhachas turasachd taobh a-mach bhailtean mòra, air an dùthaich far am bheil na ceudan mhìltean gu follaiseach a’ siubhal ’s gun ghoireasan iomchaidh romhpa. Gu cinnteach tha giùlan mhòran de na coigrich sin na mhasladh agus a’ cur uallach air luchd-còmhnaidh sgìrean dùthchail, ach tha e cuideachd na mhasladh nach eil an riaghaltas a tha a’ cosg fortan a’ tàladh luchd-turais a’ dèanamh cinnteach gum bheil seirbheisean bunaiteach ann dhaibh nuair a thig iad.

Tourism is vital to Scotland’s economy, so why so little investment in basic facilities in a countryside increasingly swamped by thousands of visitors!