Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday June 3

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Ceithir mìosan deug dòrainneach air a dhol seachad ach gu h-iongantach cha d’ fhairich mi fada iad idir, agus saoilidh mi gum bheil sinn uile mar gum biomaid a’ feitheamh ri rudeigin sònraichte, car mar chloinn air feasgar Nollaige. Chan eil mi cinnteach cò air a tha daoine fa leth a’ cuimseachadh ach gun teagamh tha fhios gur e an àbhaisteachd a bh’ againn mas tàinig a’ chiad ghlasadh sa Mhàrt 2020 am prìomh rud a tha a’ mhòr-chuid a’ miannachadh. Tha leithid sin de shuidheachadh air a bhith a’ cluich falach-fead leinn fad còrr air bliadhna a-nise agus tha e follaiseach gum bheil sinn uile a’ fàs sgìth de chuingealachadh air gach seòrsa saorsa a bh’ againn, agus ’s neònach mur eil mòran cuideachd air fàs glè mhothachail air cho neo-ar-thaingeil ‘s a dh’fhaodas sinn a bhith air goireasan agus sochairean de gach seòrsa chun an tèid an àicheadh dhuinn!

Bheil cuimhne agaibh air an othail a bh’ ann bho chionn bliadhna air ais agus an saoghal na bhoil a’ sireadh banachdach air a’ chorònabhìoras, agus ged a bha cuid de dh’eòlaichean a’ nochdadh misneachd bha fada a bharrachd orra sin ag innse dhuinn gun toireadh e bliadhnaichean mus gabhadh leithid a lorg. ’S dòcha gum bheil e nàdarra dhuinn a bhith beagan dubhach ann an leithid de shuidheachadh, ach taobh a-staigh sia mìosan bha dòchas air fàire air grunnan chungaidhean. Thàinig dearbhadh ro cheann naodh mìosan air a’ chiad fhear, is lean adhartas agus ceadan-cleachdaidh air tuilleadh goirid an dèidh sin! Cha b’ iongnadh fadachd an uairsin gus banachdach fhaotainn, agus ged a bha againn ri bhith foighidneach chun an tigeadh àm cur-banachdaich air roinn àraid na h-aoise againne, cha tug e cho fada sin, neo fiù ’s chun an d’ fhuaras an dàrna dòs. Bha sinn ’s dòcha a’ faicinn na saorsa a bha sinn a’ miannachadh air fàire, ach bha siabaidhean ùra den bhìoras gar gonadh agus bha glasaidhean is bacaidhean a’ tighinn ‘s a’ falbh mar sheòl nan cuantan.

Dh’fhuiling iomadh dachaigh agus teaghlach call fo bhuaidh a’ chorònabhìorais agus bidh co-fhaireachadh againn leotha ’s iad a’ cothachadh rin cuid bròin, ach aig an aon àm tha misneachadh mòr againn uile is sinn air starsaich a’ chinn-uidhe a bu mhiann leinn! Àbhaisteachadh, neo fiù ‘s àbhaisteachadh ùr a’ leantainn air dòrainn an tinneis mhì-chiataich a th’ air a bhith a’ sgiùrsadh na dùthcha, agus an t-saoghail. Gheibh foighidinn furtachd, agus tha sinn air soirbheachadh tro bhith foighidneach, ciallach, agus furachail, agus sa mhòr-chuid tha sinn fortanach da-rìribh seach iomadh ceàrnaidh eile den t-saoghal! Bidh fiughair againn ri tuilleadh adhartais eadar seo is foghar, le saorsa cruinneachadh an taighean-bìdh, ag amharc spòrs, agus aig Mòdan, ach bu ghlic dhuinn cumail a bhith faiceallach oir ’s e nàmhaid carach ris am bheil sinn a’ cath an seo!

People have surely earned an unrestricted post-Covid “new normality” but we would be wise to enjoy it sensibly, because coronavirus is a tricky adversary!