Beachd Ailein, Allan Campbell – Thursday May 27

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Mòran taing dha Dòmhnall Eachann Meek airson beagan de dh’eachdraidh a chuideachd Thiristeach aithris dhuinn anns an leabhar eireachdail A Croft in Caolas!

Ghabh mi meas air Tiriodh a’ chiad turas riamh a thadhail mi ann, agus gun teagamh dh’fhàg sin a’ chuairt air an tug Domhnall mi anns an leabhar seo nas taitniche buileach. Seo sgeulachd air a h-innse le sàr neach-aithris a tha a’ nochdadh mòran dhe chuid neart agus diongmhaltas fhèin ’s gun e a’ seachnadh cràdh neo tàmailt eachdraidh teaghlaich.

Tha mi moiteil gum bheil an t-ùghdar air a bhith na charaid fad iomadh bliadhna, ach dh’ionnsaich mi mòran a bharrachd ma dheidhinn ri linn seo a leughadh, agus theagamh cuideachd pàirt de bhunait ar càirdeis. Chuir leabhar Dhòmhnaill cianalas mòr orm, a’ leughadh mun dearbh seòrsa saoghal croitearachd san do dh’fhàs mi fhìn suas, le gach iomadh toileachas a bh’ anns na làithean buidhe sin dha òigridh aig nach robh, gu fortanach, mothachadh air an iomadh dùbhlan a bh’ aig am pàrantan bith-beò a dhèanamh.

Bha a’ chroit againne beag an taca ri croit a’ Chaolais air am bheil Dòmhnall ag aithris, ach dùisgidh dealbhan a tha an sgeulachd aige a’ cruthachadh air cur-seachadan òige, agus na h-uallaichean cuideachaidh a thàinig air mar a dh’fhàs e suas, cuimhneachain làidir dha neach-leughaidh sam bith a thogadh ann am baile-croite.

Cuimhne air a bhith ag obair le eich, agus na bha an sàs ann a bhith gam beartachadh airson caochladh sheòrsa gnìomh eadar crann-treabhaidh is cairt. ’S tric a bhios mi a’ beachdachadh air cia mheud duine an-diugh a dh’amaiseadh air acfhainn-obrach a chur air each! Chuir Dòmhnall nam chuimhne às ùr a’ phiseach a thug am Fergie Beag air obair na croite. “Each nach diùltadh” anns a’ mhòr-chuid, agus cha robh feum a bhiathadh ach nuair a bha e ag obair!

’S iomadh duine a thuigeas faireachaidhean an ùghdair mar eileanach, croitear, agus Gàidheal, a thaobh an uallaich a tha dìleab na croite a’ fàgail air. ’S esan an riochdaire mu dheireadh den teaghlach a thug a’ chroit seo gu bith, agus e gu sònraichte mothachail air na thug a phàrantan den saoghal fhèin dhan àite, agus dhan teaghlach tùsail.

Saothair, cosgais, agus dragh gun sgur, a’ strì ri taigh agus fearann a ghleidheadh an aghaidh crìonadh aimsir agus aoise. Tha sinn ag èisteachd ri croitear an seo a tha cuideachd na sgoilear comasach, agus chan iongnadh gum bheil daingneachd anns an sgeulachd, cho math ris a’ bhlàths, gaol, agus faireachdainn làidir a tha a’ drùdhadh às a h-uile duilleig.

A Croft in Caolas, by Donald E Meek, is a beautifully told account of the author’s family roots in Tiree and his parents’ selfless commitment to ageing relatives and their croft.
We learn how a lone boy grew up on the croft and Donald describes the later challenge of his inheritance, successfully resolved with help from his family. This delightful book will appeal to readers of urban as well as crofting heritage.
It is available through Isle20.com