Beachd Ailein with Allan Campbell – 6.5.21

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

Latha-taghaidh Bhuill Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, agus tha mi ’n dòchas gun cleachd sibh ur cead-bhòtaidh. Mar a bhios fìor dhuibhse cuideachd tha mi cinnteach, tha mise air a bhith a’ beachdachadh air an dìleab a tha na pàrtaidhean fa leth air fhàgail againn, agus tha mo bheachd fhìn agam! Agus a’ bruidhinn air dìleab dh’iarrainn meal-a-naidheachd a chur air Coinneach MacLeòid, agus a leithid cuideachd air a’ chompanaidh Togalaichean MhicLeòid Earranta (MacLeod Construction Ltd.) a stèidhich e fhèin ’s a bhràthair Murchadh, nach maireann, ann an Ceann Loch Gilb faisg air leth-cheud bliadhna air ais!

Chaidh a’ chompanaidh seo ainmeachadh mar Bhuidheann Togail na Bliadhna 2020 aig cuirm Duaisean Sàr-obrach Caidreachas Bhuidhnean-togail Alba, agus aig an aon àm chaidh Duais Euchd-beatha dha gnìomhachas togail a bhuileachadh air Coinneach. Abair cliù, agus abair aithne air dìcheall agus dealas na buidhne, a luchd-ceàird, agus na stiùirichean! Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, ’s math an sgàthan sùil caraid, agus chan eil teagamh nach bi an aithne seo bhon ghnìomhachas sam bheil iad an sàs na theisteanas air leth milis dha Coinneach agus a cho-obraichean.

’S ann à Tròndairnis san Eilean Sgitheanach a bha teaghlach Choinnich agus tha mi moiteil a ràdh gum bheil sinn air a bhith nar caraidean còrr air leth-cheud bliadhna. Nuair a bhithinn air gnothach ann an Earra-Ghàidheal bhithinn tric a’ fuireach cuide ri Alasdair MacLeòid agus Ciorstaidh ann an Achadh na Bà, agus saoilidh mi nach b’ urrainn do neach tadhal air dachaigh na bu Ghàidhealaiche neo coinneachadh ri aoigheachd na bu choibhneile. Cuimhne bhlàth da-rìribh, agus bho àm gu àm bheir mi ùrachadh tlachdmhor air na cuimhneachain sin le bhith ag èisteachd ri cuid den iomadh uair a thìde phrìseil a chlàr Alasdair dha Sgoil Eòlais na h-Alba, mu dhualchas, eachdraidh, ceòl agus bàrdachd an Eilein. B’ e sin pàirt den dìleab luachmhor aig Alasdair, agus ghlèidh an teaghlach aige fhèin ’s aig Ciorstaidh mòran den dualchas luachmhor sin cuideachd, agus gun teagamh bhiodh iad glè mhoiteil a bhith faicinn an urraim a tha an dìleab cruthachail aig Togalaichean MhicLeòid Earranta a’ cosnadh ann an Alba. Buaidh is piseach dhaibh a’ dol air adhart!

’S iad na h-aon chinn-teagaisg a chluinnear sa bhitheantas aig tagraichean poilitigeach, foghlam, slàinte, an eaconamaidh agus cosnaidhean, agus ’s cinnteach gum bheil iad uile bunaiteach dhan dùthaich, ach bidh cùisean ionadail deatamach cuideachd leithid còmhdhail, agus seirbheisean de gach seòrsa air na h-iomaill. Ged a thèid geallaidhean cogaiseach a dhèanamh man coinneimh sin ’s e fìrinn na cùise gun tèid tric rùn nàiseanta a chur air toiseach agus nach tèid aig Buill Pàrlamaid air amasan ionadail a lìbhrigeadh. Chan eil farmad sam bith agam riutha san obair a tha romhpa, ach air sgàth math ar cuid sluaigh gu lèir tha mi a’ guidhe gliocas agus co-obrachadh soirbheachail Eadar-Phàrtaidh dhan fheadhainn a bhuannaicheas.

Please use your valuable vote today! I wish elected members wisdom, and Cross-party cooperation, in the best interests of all our people!