Beachd Ailein with Allan Campbell – 29.4.21

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

’S e sealladh iongantach, agus eagallach ann an cuid a dhòighean, a th’ ann an cumhachd ga chur an sàs co-dhiù ‘s ann airson math na olc. Tha sinn dualach a bhith a’ faicinn cumhachd mar rud a bhuineas do rìoghachdan mòra agus aig amannan do dheachdairean neo aintighearnan an siud ‘s an seo feadh an t-saoghail. Ach bho chionn beagan làithean chunnacas eisimpleir den chumhachd as prìseile a th’ againn, cumhachd a’ mhòr-shluaigh, cumhachd dhaoine, nuair a thug iad buaidh air luchd-seilbh chuid de phrìomh sgiobaidhean bhall-coise Bhreatainn agus na h-Eòrpa agus a chaidh cur às dhan phlana Lìog Bharraichte Bhall-coise Eòrpach a stèidheachadh. Ged nach b’ e beachd ùr a bha seo idir nochd an naidheachd ann an dòigh car annasach, anmoch air feasgar deireadh seachdaine, mar gun robhas a’ feuchainn ris a’ ghnothach a shiolpadh gu bith gun fhiosta dhan t-sluagh. Ma bha am foillseachadh sin cearbach ’s e a dh’fhàillig buileach ach an teachdaireachd gun robh buannachd gu bhith aig an spòrs às an structar ùr seo. Thuig luchd-gnothaich gur e bha seo ach oidhirp le sgioba eadar-nàiseanta de dhaoine beartach dam buin na prìomh sgiobaidhean ball-coise, an roinn as motha de dh’airgead an spòrs a ghreimeachadh dhaibh fhèin.

Thuig luchd-taice a’ gheama gur e gluasad a bha seo a dh’fhaodadh cron do-chreidsinneach a dhèanamh air an spòrs san fharsaingeachd agus cho-dhùin iad seasamh, agus bruidhinn a-mach, an aghaidh luchd-seilbhe nach robh nam beachd ach a’ cuimseachadh air an tuilleadh beartais.  Rinn iad iomairt cho làidir, cho coileanta, agus cho fuaimneach is gun do ghèill luchd an ionmhais agus riaghladairean bhall-coise na h-Eòrpa taobh a-staigh dà latha! Is treasa tuath na tighearna! Dhearbh na thachair an seo gum bheil an seanfhacal cho fìor ‘s a bha e riamh, agus theagamh gur e cuimhneachan glè chudromach a tha sin dhuinn uile is taghaidhean coitcheann an impis a bhith againn. Cha bheag an t-adhartas a dh’fhaodadh tighinn air iomadh duilgheadas nan robh an sluagh gu h-aon-ghuthach a’ sireadh leasachadh seach a bhith a’ cur an earbsa ann am Pàrtaidhean fa leth aig nach tèid air an geallaidhean a choileanadh. Ach ’s e an trioblaid nach eil daoine a’ greimeachadh daingeann gu leòr air cuspairean àraid, mar a bha luchd-taice bhuill-coise san t-suidheachadh seo, gus leithid de dh’iomairt a thoirt gu buil. Saoilidh mi mar eisimpleir gum bheil còraichean aig muinntir nan Eileanan air seirbheis còmhdhail nas èifeachdaiche na th’ aca agus gum bu chòir taic a’ mhòr-shluaigh a thoirt dhaibh gus sin fhaotainn!

Tha deamocrasaidh prìseil gun teagamh, ach aig amannan fàgaidh rùn a’ mhòr-shluaigh còraichean ceartais mion-shluagh às a dhèidh ’s gun a riarachadh.  Sin mar eisimpleir  suidheachadh na Gàidhlig!

People power, which so effectively forced the abandonment of a money-grabbing Euro football super league, is a useful reminder as we approach a general election. Democracy is precious, but focusing exclusively on majority agendas can deprive minorities of what might be rightfully theirs, such as further Gaelic language rights, and efficient island ferry services.