Beachd Ailein with Allan Campbell – 22.4.21

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

’S cinnteach gur e latha sònraichte a bh’ ann an Disathairne seo chaidh dha caochladh dhaoine, airson iomadh adhbhar eadar-dhealaichte. Fhad ’s a bha mise a’ siubhal dhan Eilean Sgitheanach bha dà thachartas air m’ inntinn, an t-seirbheis adhlacaidh aig Diùc Dhùn Èideann ann an Lunnainn, agus seirbheis cuimhneachaidh Bhlàr Chùil Lodair ann an Inbhir Nis. Mar a bhiodh dùil bha aithrisean air rèidio air na bha a’ tachairt ann an Windsor còrr air còig ceud mìle gu deas, ach dh’fhàg riaghailtean sgaraidh Covid 19 làrach Blàr Chùil Lodair sàmhach air an 275 ceann-bliadhna bho latha a’ bhlàir dhòrainnich sin a rinn a leithid de dhochann air dòigh-beatha agus dualchas nan Gàidheal.

Cha b’ iongnadh idir gun do chuimsich na meadhanan air ìomhaigh thiamhaidh na Banrigh na suidhe na h-aonar aig seirbheis adhlacaidh a cèile, is a ceann crom fad mòran den ùine. Dhan t-saoghal a bha ag amharc bha an sealladh na chuimhneachan gum bheil an Teaghlach Rìoghail mar dhaoine sam bith eile, agus nach eil beartas neo cumhachd na dhìon bho bhàs agus bròn. Cionnas nach biodh am boireannach bochd brònach a’ call companach ris an robh i pòsta fad seachdad is trì bliadhna, agus cha b’ iongnadh a bharrachd an cuid teaghlaich a bhith a’ caoidh athair is seanair gràdhach. Ged a bha cliù aig an Diùc a bhith dìreach na bharail, tha fianais an teaghlaich na dhearbhadh gun robh e brosnachail, agus còir na nàdar cuideachd, agus bha sin sònraichte fìor a thaobh na taice a thug e dha chuid oghaichean Uilleam agus Harry nuair a chaill iad am màthair ’s iad cho òg. Gu ìre tha a’ mhì-chòrdadh a tha a-nise eadar na fir sin na dhearbhadh eile nach eil an teaghlach seo eadar-dhealaichte, agus bu mhath gun tigeadh còrdadh às a’ bheagan còmhraidh a thachair eatarra nuair a thug an tachartas duilich teaghlaich seo còmhla iad airson a’ chiad turas bho chionn greise.

Ann an seirbheis cuimhneachaidh ghrinn air Blàr Chùil Lodair a dh’fhoillsich Comunn Gàidhlig Inbhir Nis air-loidhne, an co-bhuinn le Urras Nàiseanta na h-Alba, bha Bàrd Urramach a’ Chomuinn Maoileas Caimbeul, agus an Ceann-feadhna an Dotair Màrtainn MacGriogair a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodar tachartasan fhaicinn nan ceann-slighe neo nam pàirt de chearcall. Shaoil mi gun robh crìoch na h-òraid aig Màrtainn a’ ceangal thachartasan Windsor agus Chùil Lodair ann an dòigh àraid. Cha robh inntinn na bana-bhàird Cairistìona Fhearghasdan ach air an duine a chaill i fhèin aig Cùil Lodair, “…an t-àm air dol thairis is chan fhaic mi fear d’ eugais, is gus an cuir iad mi san talamh cha dealaich do ghaol rium, mo rùn geal òg.”
Bhiodh mìltean a’ coimhead seirbheis tiodhlacaidh Dhiùc Dhùn Èideann le co-fhaireachadh dùrachdach dhan bhanrigh, is iad a’ caoidh neach a chaill iad fhèin, ’s dòcha ri linn Covid.

Many thousands watching the Duke of Edinburgh’s funeral service last Saturday would have shared the Queen’s sorrow as they, too, mourned a loved family member, lost to Covid.