Allan Campbell – Thursday April 15

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Shiubhail seann seòladair urramach, agus mar a bhiodh dùil agus mar bu dual tha sinn uile a’ guidhe cala sìtheil, sìorraidh roimhe. Tha laoich an Dàrna Cogaidh gu math tearc a-nise, ach bidh cuimhne mheasail aig mòran agaibh air cuid aca, ’s dòcha feadhainn a bha càirdeach  dhuibh, agus theagamh gum bi bàs a’ Phrionnsa Philip ag ùrachadh nan cuimhneachain sin. Faodaidh gun dùisg cuimhne air coibhneas, air ealantas obrach, agus cuideachd mu ghaisgeachd ma thug iad iomradh air na chunnaic is na dh’fhuiling iad nam beatha. ’S e sgeul as bitheanta a chluinnear mu sheann laoich an dà Chogadh cho leisg ‘s a bha mòran aca bruidhinn mu na thachair dhaibh is riutha. Bha iad mar gum biodh air doras a dhùnadh gu tur air a’ chuid sin den cuimhne agus air cuimseachadh gu tur air an t-saorsa ‘s an t-sìth a chuidich iad fhèin a ghleidheadh. Ach ’s coma dè an aithris a thug iad, neo dè na chaidh aca air a choileanadh, dh’fhàg gach fear is tè aca uile dìleab cuimhne air an cuirear luach, agus a tha airidh air spèis, agus nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà ’s neònach mur a bu mhath leinn uile leithid sin a chosnadh.

Chan eil teagamh nach bi mòran a bheir iomradh air buannachdan beartais nuair a bhios iad a’ beachdachadh air beatha agus dìleab Dhiùc Dhùn Èideann, ach saoilidh mi gum bi mòran eile a bhios ga chuimhneachadh air sgàth chothroman, brosnachadh, agus misneachd a thug e dhaibh nan òige tron Sgeama ainmeil a stèidhich e ann an 1956 agus a mhaireas mar shàr chuimhneachan air. Bho chionn ghoirid thàinig mi tarsainn air an leabhran beag a bh’  agam fhìn ag iomairt air Sgeama Dhiùc Dhùn Èideann ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Thòisich mi air sa cheathramh bliadhna agus bha mi air ìre an airgid a chrìochnachadh nuair a dh’fhàg mi an sgoil, agus a dh’fhàg mi cuideachd an Sgeama às mo dhèidh. Nan robh cothrom air a bhith ann tòiseachadh na bu tràithe ’s dòcha gun robh cuid againn air duais an òir a bhuinnig, ach thug fiù ’s na rinn mise misneachd dhomh a th’ air a bhith feumail fad mo bheatha agus bidh mi tric a’ smaoineachadh le spèis air an luchd-teagaisg a bha nam pàirt den bhrosnachadh chudromach sin. Mar a tha eachdraidh ag aithris bha òige aonranach agus riaslach aig an Diùc agus theagamh gun robh sin na phàirt de mhàthair-adhbhar an Sgeama a steidheachadh, gus cothroman a thoirt do dh’ òigridh bho gach ìre sòisealta agus eaconamach.  Abair dìleab, ged nach biodh ach an Sgeama mar chuimhneachan air Philip, is milleanan feadh an t-saoghail air buannachadh thar nam bliadhnaichean bho thòisich i!

Prince Philip will be fondly remembered for many reasons, but the legacy of his Duke of Edinburgh’s Award Scheme which continues to motivate and grow the confidence of millions of young people worldwide is in itself an extraordinary and lasting tribute to him.