Allan Campbell – Thursday April 1

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Latha na Gogaireachd, agus ged a tha iomadach sgeulachd a b’ urrainn dhomh aithris mu chleasan a chaidh a chur air cuid, tha mi dol a dh’fhàgail a’ chuspair gus beachdachadh air rud nas brìoghmhora. Nuair a ràinig an ogha as sine againn aois trì bliadhna deug is a chuir mi meal-an-naidheachd oirre a bhith a-nise na deugaire, ‘s ann a chuir i nam chuimhne gum bheil clann le Gàidhlig a’ ruigheachd na h-ìre sin dà bhliadhna nas tràithe na luchd na Beurla! Leis an dearbh nighinn a’ comharrachadh sia bliadhna deug a dh’aois bho chionn ghoirid bha mi a’ beachdachadh air an iomadh saorsa laghail a tha an “aois mhòr” sin a-nise a’ buileachadh air daoine òga. Saoilidh mi gum bheil e ceart aithne a thoirt dha fàs tuigse is comas breithneachaidh,  agus gun teagamh tha na h-uiread de chòraichean laghail a’ tighinn nuair a ghluaiseas deugaire gu ìre inbheach òg. Mar a bha riamh bidh cuid nas deiseile agus nas uidheamaichte co-dhùnadh a dhèanamh air leithid bhòt ann an taghadh coitcheann, atharrachadh ainme, an sgoil fhàgail, neo fiù ’s an dachaigh fhàgail na feadhainn eile, agus mar a tha seanfhacal a’ rabhadh chan eil  nì-ionaid air eòlas.  Tha seanfhacal eile ag innse dhuinn gum bheil gach latha beatha na latha-sgoile, agus ’s cinnteach gur ann à sin a thàinig an abairt “gliocas na h-aoise”!

B’ fheudar dhomh beagan rannsachaidh a dhèanamh air dè bha dol a’ bhliadhna san d’ràinig mi fhìn sia-deug.  Chunnaic mi gun d’ aontaich Breatann agus an Fhraing cùmhnant còig bliadhna gus tunail a tholladh fon Chaolas Shasannach, agus gun d’ fhosgail Drochaid-rathaid Fhoirthe.  Dhearbh an Riaghaltas gun robh ìre tuarastal seachdain àbhaisteach Bhreatainn aig £16; nochd Top of the Pops, Crossroads, agus an iris Jackie, às ùr; agus thòisich stèiseanan rèidio ri craoladh gun chead laghail air bàtaichean far chladaichean na dùthcha. Bhuannaich na Làbaraich ciad taghaidhean Comhairle Baile Lunnainn, agus b’ e Arailt Mac Uilleam am Prìomhaire Làbarach an dèidh Taghadh Coitcheann; is leig Winston Churchill às a dhreuchd an dèidh 63 bliadhna mar Bhall Pàrlamaid. Chaidh cur às do bhinn-bàis ann am Breatann, agus ann an Astràilia rinn Dòmhnall Caimbeul an turas a bu luaithe riamh air uisge aig còrr air 276 mìle san uair!

Gach soirbheachadh leis na h-inbhich òga uile, agus ged ’s dòcha nach tuig iad fhèin sin cha bu mhiste a’ mhòr-chuid aca taic comhairle leis na cumhachdan ùra a th’ aca bho aois sia-deug!  Tha mo dhùrachd dham ogha fhìn gu sgiobalta ann an ainm a dhà de na h-òrain a bh’ air bàrr  nan clàran ann an 1964,  “Pretty Woman” -“I Want to Hold Your Hand”!

As our eldest granddaughter celebrated her 16th birthday, I was thinking of the remarkable range of rights which that age now gives to young adults. While such a passport of entitlements is welcome recognition of this age milestone there is no substitute for experience, and the ‘wisdom of age’ should always be available for support!