Allan Campbell – Thursday March 25

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Chòrd e gu mòr leam latha a thoirt ag obair sa ghàrradh, ged is ann ri saorsainneachd agus togail a bha sinn seach a bhith a’ cuir sìol sam bith. Mar a dh’èirich dhan mhòr-chuid tha ceannsachadh a’ ghlasaidh thar a leithid de dh’ùine air m’ fhàgail mì-shona agus gun teagamh thug ùine ri obair phractaigeach a-muigh togail dhomh. Theagamh gum bi cuimhne agaibh mi bhith ag aithris roimhe air buaile a thog mi anns a’ ghàrradh gus leabaidh fàs-lusan a chruthachadh, far nach eil doimhneachd talmhainn nàdarrach anns a’ ghàrradh a leigeadh leinn cur dìreach thuige sin. Bha sinn a’ cleachdadh seo fad dheich bliadhna fichead, agus bho chionn beagan bhliadhnaichean leudaich mi e gu mu chòig air fhichead meatair ceàrnagach le balla fiodha a’ gleidheadh na h-ùrach na bhroinn.  Dh’obraich sin fìor mhath ach bha cuideam na h-ùrach a’ brùchdadh a dhà de na cliathaichean beagan, is chuir mi romham iad sin a thogail às ùr le dèileachan mòran nas truime.

Toiseach a’ gheamhraidh seo chaidh chòmhdaich sinn a’ bhuaile le plastaig gus fàs luibhean a mhùchadh agus obair-deasachaidh an earraich fhàgail nas fhasa, agus le sùil ri bhith a’ cur buntàta tràth sa Ghiblean bha mi a’ miannachadh an càradh a dhèanamh air a’ bhuaile deireadh a’ Ghearrain. Bheireadh sin cothrom an talamh a thionndadh agus beagan todhair a chur air ro àm cuir, ach nuair a chaidh mi a cheannach fiodh chuala mi gun robh a’ mhuileann-sàbhaidh cho trang is gum biodh seachdainean mu ’m faighinn na bha mi ag iarraidh.  Cha robh agam ach a bhith foighidneach, rud nach eil daonnan furasta dhomh, ach thàinig na dèileachan Dihaoine is chaidh an cur an sàs Disathairne! Ged a tha an clàr-obrach earraich agam rud beag air deireadh ri linn seo thèid cùisean air adhart gu sgiobalta a-nise is bidh sìol-cuir a’  bhuntàta thràth san talamh taobh a-staigh chola-deug, tha mi ’n dòchas. Bidh mòran agaibhse, mar mi-fhìn, a’ dèanamh toileachas ris an naidheachd gum bi bùithtean gàirnealaireachd a’ fosgladh a-rithist toiseach an ath mhìos, agus gum faigh sinn planntrais is gach nì eile a bhios a dhìth sa ghàrradh.

Tha e na mhisneachadh ràithean cuir is buain fhaicinn a’ leantainn gun atharrachadh, ach tha nàbachd air fulang ri linn a’ ghlasaidh agus tha fadachd oirnn uile gus cothrom ceanglaichean càirdeis aig gach ìre ùrachadh. Thig cothroman an lùib bhacaidhean cuideachd, agus tha cumhachd an eadar-lìn a’ sìor lùghdachadh choimhearsnachdan an t-saoghail mar a chunnacas fiù ’s aig Coinneimh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich bho chionn seachdain far an robh daoine an làthair à Ameireagaidh agus an Eadailt. Bha an ceilidh laghach a ghabh àite air-loidhne às dèidh sin, fo stiùireadh ealanta John Joe MhicNèill, na chothrom eile dha Gàidheil “coinneachadh” agus dearbhadh às ùr gu mair gaol is ceòl!

Following months of lockdown restrictions springtime tasks in the garden are unusually welcome this year! Enjoy time out of doors, as we look forward to enjoying the company of family, friends, and neighbours again soon!