Beachd Ailein with Allan Campbell – 11.2.21

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?
Subscribe Now

‘S iomadh rud a dh’fheumas an euslaint, nach fheum an t-slàinte! Cha ghabh fìrinn an t-seanfhacail  àicheadh, ach tha mothachadh cuideachd gum bheil dìon bho euslaint leithid Covid 19 deatamach. Tha leithid sin de dhìon air soirbheachadh feadh an t-saoghail thar bhliadhnaichean, agus tha galaran bàsmhor mar a bha leithid am fiabhras breac, a’ ghriùthrach, agus a’ chaitheamh, gan cumail fo smachd. Thigeadh dhuinn a bhith glè thaingeil gur ann mar sin a tha cùisean san dùthaich seo, agus bu mhath gum faodadh mòr-shluagh an t-saoghail uile buannachd agus dìon nam banachdaichean sin fhaotainn mar an ceudna. Thàinig an t-adhartas slàinte sin ri linn innleachd dhealasach agus spàirn mhòran eòlaichean thar nam bliadhnaichean, agus tha làn-mhothachadh ann gum bheil slighe fhada fhathast mun lorgar leigheas èifeachdach air truailleadh iomadh seòrsa aillse agus euslaintean eile. Ach, feadh an t-saoghail, tha daoine ri saothair dhìcheallach, dhùrachdach, a’ sireadh fhreagairtean air gach dùbhlan tinneis sin, agus tha na mìltean cuideachd an sàs gach latha a’ cumail dìon air slàinte an t-sluaigh. Aig amannan faodaidh sinn mothachadh a chall agus a bhith neo-ar-thaingeil air na tha iad sin a’ dèanamh dhuinn.

Ged a bha sneachda air an talamh ’s i dìreach beagan os cionn ìre reothaidh bha am boireannach a choinnich oirnn aig doras an ionaid-slàinte beagan às dèidh ochd uairean sa mhadainn, aoigheil agus càirdeil a’ cur fàilte air duine mu seach a bha gu bhith a’ faotainn banachdach Covid19 an sin Disathairne seo chaidh. Cha b’ e sgioba mòr a bh’ ann ach, eadar dotairean agus an luchd-taice a bha a’ stiùireadh na dh’aontaich tighinn gus banachdach fhaotainn,  bha cùisean air an riaghladh gu sgiobalta agus èifeachdach gun choltas diomb sam bith gun robh an luchd-obrach sin a’ call fois deireadh seachdaine.  Mo mhìle beannachd aca, agus aig a h-uile neach a tha gar frithealadh ann an seirbheisean poblach de gach seòrsa gach latha, is sinn cho dualach mothachadh a chall air na tha iad a’ dèanamh dhuinn. Gun teagamh cha phàigh taing na daoine sin, ach gu cinnteach cha mhotha na sin a nì e cron dhuinn taing bhlàth a bhuileachadh dhaibh!

Tha aonarachd a’ chuingealachaidh a th’ air a bhith oirnn cho fada air daoine a chlaoidh ‘s a lèireadh agus tuigidh mi mar a bhiodh cuid ’s dòcha air am misneachadh agus air am mealladh, an dèidh na banachdach fhaotainn, chun na h-ìre ’s gum biodh iad a’ creidsinn gun robh làn-dhìon aca bhon bhìoras sa bhad. Chan ann mar sin a tha idir agus fhuair sinn rabhadh nach tig dìon gu ìre sam bith airson cola-deug na mar sin, agus gur còir dhuinn na modhan-giùlain stèidhichte a leantainn fiù ’s seachad air sin chun am bi dearbhadh gum bheil an galair air a cheannsachadh.

Experiencing the calm and efficient organisation by a small team administering Covid- 19 vaccination at our GP surgery last Saturday morning, we were reminded anew of how much we owe to so many who unstintingly deliver our public services!