Beachd Ailein with Allan Campbell – 21.1.21

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Bha deagh aimsir againn an-diugh nuair a thug mi ceum a-mach, agus bha i mòran na bu bhlàithe na dh’fhairich sinn bho chionn greise is shaoil mi gun robh àile earraich a’ nochdadh. Far am bheil mise tha an sneachda air falbh agus le speur air soilleireachadh bha mi a’ cuimhneachadh mar a bhiodh inbhich saoghal m’ òige ag ràdh gum biodh an latha “a’ sìneadh às dèidh na bliadhn’ ùire!”

’S dòcha gur ann dìreach gam misneachadh fhèin a bha iad, le aithne gun robh ùine mhath den gheamhradh romhpa fhathast, ach cha robh sin gu diofar ma bha e a’ toirt beagan togail dhaibh. Ge b’ e dè eile tha ’n dàn thig crìoch air geamhradh agus ùrachadh fàs earraich, agus ’s neònach mura robh ginealaichean mhic an duine bho thoiseach tìme air a bhith a’ feitheamh an dùsgaidh sin leis an aon seòrsa  spiorad dòchais. Thug m’ athair iomadh bliadhna a’ seòladh chuantan mòra agus fad ùine an Dàrna Cogaidh mar phàirt den sin, agus ged ’s iomadh stoirm oillteil a dh’fhuiling e bhiodh e daonnan ag ràdh gun robh gailleann na b’ fhasa cothachadh rithe ann an solas an latha. Gun teagamh tha an aon rud fìor a thaobh dorchadas a’ gheamhraidh a bhith a’ crìonadh ’s gach latha den bhliadhna a’ fàs nas fhaide, agus tha sinne uile dualach a bhith a’ faireachadh nas fheàrr annainn fhìn.

Nuair a bha mi òg bha “tractaran a’ Bhùird” a’ tòiseachadh ri nochdadh agus a’ cuideachadh le obair-fearainn, ach cha robh a h-uile duine gan cleachdadh. Cha robh fiù ’s eich aig mòran chroitearan san sgìre, agus nuair a thigeadh e gu àm innearaidh bhiodh fadachd air  crainnteachd an earraich far am biodh an talamh na b’ fhasa obrachadh air co-dhiù a b’ ann le each is cairt neo le bara-rotha. Bha an dà chuid cairtean agus na barachan a’ ruith air rothan caola, agus leis gun robh bachall iarainn nan cairtean gu sònraichte dualach gearradh sìos ann an talamh bog bha talamh tioram cruaidh, neo fiù ’s reòthta, na chuideachadh mòr. Ge b’ e dè a’ mheudachd fearainn a bh’ aig  croitear bhiodh drip air deasachadh acfhainne ach am bithte deiseil airson “obair earraich”, agus bha farpais mhòr air cò bhiodh an sàs air toiseach le sin! Dh’fheumte spaidean a gheurachadh, agus bhiodh feadhainn a bha fhathast a’ cleachdadh cas-chrom a’ cur faobhar oirre is a’ teannachadh sgonnan; agus bhiodh treabhaichean each a’ sealltainn ri coltair, soc, is bòrd-ùireach a’ chruinn, agus sineachdainn-tarraing is greallag. Saoil cò mheud an-diugh dam b’ aithne each a bheartachadh airson obair-treabhaidh neo slaodaidh?

Àm dripeil den bhliadhna ach b’ e àm togarrach a bh’ ann cuideachd, dìreach mar a tha an t-àm seo dhuinn uile air am bheil fadachd ri banachdach agus saorsa gluasaid às ùr!

Lengthening days are harbingers of approaching spring. Community spirit should be raised by this and the promise of Covid-19 inoculation.  Stay positive!