Beachd Ailein with Allan Campbell – 14.1.21

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

’S fhada bho nochd an abairt gur “fada seachdain ann an saoghal phoilitigs!” Uill, ann an Ameireagaidh co-dhiù ’s neònach gun robh na faclan riamh cho fìor ‘s a bha iad bho chionn latha neo dhà, agus chan eil fios de tuilleadh a dh’fhaodadh a bhith an dàn eadar seo agus an t-àm a nochdas an colbh seo, ceithir latha romhainn! ’S iomadh càineadh a bhios ga thoirt air a’ mhoit ’s an t-àrdan leis am bi an dùthaich sin ga cur fhèin air adhart mar thìr saoranachd agus sàr eisimpleir dheamocrasaidh an t-saoghail, agus tha gu leòr cheistean gun fhreagairt air a’ bharail aice oirre fhèin. Ach ’s gann a b’ urrainn dha ìomhaigh Ameireagaidh barrachd damaiste fhulang na thachair nuair a thug gràisg de luchd-taice Dhòmhnaill Trump ionnsaigh iorghaileach air Ionad Còmhdhail na dùthcha ann an Washington Diciadain seo chaidh. Chaill ceathrar am beatha an lùib na h-ùpraid nàr, a chaidh a chraoladh beò tro mheadhanan naidheachd, agus dh’fhuiling cliù is creideas na dùthcha feadh an t-saoghail shìobhalta!

Tha iomadh ceist gam faighneachd, agus rim freagairt fhathast, a thaobh ’s dè dh’fhàg dìon an ionaid cho lag air latha coinneamh a bha gu bhith cho frionasach. Bha làn-fhios gun robh Trump a’ brosnachadh dhaoine gus tighinn gu ruige Washington a thogail fianais-taice dha na casaidean foill a tha e fhathast a’ togail, a dh’aindeoin dìth fianais dearbhaidh a bhith aige! Air an latha phiobraich e fhèin agus a mhic an sluagh a bhith “làidir” agus “tìr-ghràdhach”, agus caismeachd a dh’ionnsaigh Ionad a’ Chòmhdhail. Chaill iad rian an sin, a’ briseadh thar luchd-dìon a-staigh dhan togalach agus a’ fàgail sgrios is milleadh corporra, practaigeach, agus poilitigeach às an dèidh!

’S e moladh a bh’ aig Trump air na daoine sin na b’ fhaide air adhart is e ’g iarraidh orra tilleadh dhachaigh, ach nuair a thionndaidh fiù ’s cuid de bhuill an riaghaltais aige fhèin na aghaidh airson mar a dh’adhbharaich esan na bh’ air tachairt chuir mo liagh car-ma-chnoc is dhìt e iad gu làidir! Cha robh riamh smachd air an duine seo bho fhuair e na Cheann-suidhe air tè de na dùthchannan as cumhachdaiche san t-saoghal. Aig àm dhòmhsa bhith sgrìobhadh seo, dà latha dheug mus gabh Ceann-suidhe ùr thairis, agus a dh’aindeoin ’s gum bheil meadhanan-sòisealta air glas-ghuib a chur air ri linn a chuid theachdaireachdan brosgalach, tha Trump gun cheannsachadh fhathast ’s chan eil fios dè an tuilleadh cron a dh’fhaodadh e dèanamh mu falbh e. Ma shoirbhicheas le casaid Eucoir an aghaidh na Stàite a chur air cha bhith cead aig Trump a bhith na Cheann-suidhe a-rithist, agus saoilidh mòran gur e fìor rud math a bhiodh sin a thaobh fear a dh’ainmich nighean a bhràthar mar “an duine is cunnartaiche san t-saoghal!”

Widely accused of disgracing America’s standing in the civilised world, can impeachment prevent further civil and political outrage by Donald Trump, described by his niece Mary Trump as ‘the world’s most dangerous man’?