Beachd Ailein with Allan Campbell – 31.12.20

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

“Siud i a’ falbh ’s tha chead mhòr aice!” Air starsaich bliadhn’ ùr, agus a’ gabhail beannachd le tèile!  Mar a dh’èirich dhan mhòr-chuid aig deireadh na bliadhna 2020, tha mise cuideachd glè thoilichte gum bheil crìoch air bliadhna air am bi cuimhne air sgàth a’ choròna-bhìorais. Gu tròcaireach cha do dh’fhuiling a h-uile duine an tinneas, ach a dh’aindeoin sin cha deach aig duine san dùthaich air a buaidh a sheachnadh, eadar glasadh agus bacaidhean. Rinn sinn gàirdeachas ris an fhiosrachadh gun robh banachdach ùr ceadaichte, agus bu nàdarra dhuinn misneachadh fhaotainn à toiseach lìbhrigidh oirre. Ach mar dhearbhadh air meud an t-srì a tha romhainn fhathast tha sinn a’ dol dhan bhliadhn’ ùr fo riaghailtean ìre 4 air tìr-mòr Alba, agus a’ chuid eile de Bhreatann cuideachd a’ neartachadh ìrean dìona gus sgapadh riochd ùr den bhìoras a cheannsachadh.

Tuigidh sibh gum bheil mi a’ sgrìobhadh seo beagan làithean ro àm foillseachaidh, agus an- diugh tha fios air nochdadh gum bheil An Fhraing air aontachadh leigeil le làraidhean siubhal à Breatann a-rithist fhad ’s  gum bi dearbhadh aig dràibhearan gum bheil iad saor bhon bhìoras. Tuigear an seòrsa sgàig a chuir naidheachd mun dreach ùr ghabhaltach seo den bhìoras ann an ceann a deas Bhreatainn air Riaghaltas na Frainge, agus gu dearbh air caochladh dhùthchannan feadh an t-saoghail, agus cha b’ iongnadh gun do dhùin iad a’ chrìoch le Breatann.  Ach cionnas, an dèidh eòlas fad faisg air bliadhna a’ dèiligeadh ris an tinneas agus cuideachd a’ deasachadh airson suidheachadh a dh’fhaodadh a bhith againn ma thig Breatann às an Roinn Eòrpa gun aonta malairt, a thug e trì latha de dheasbad mus deach aontachadh sgrùdadh a chur air dòigh dha na dràibhearan. Tha Ministear a’ Chòmhdhail ag aideachadh gun toir iad ’s dòcha suas ri trì latha a’ sgrùdadh agus a’ gluasad trì mìle làraidh agus bhanaichean a tha glaiste ann an Dòbhair, ach tha labhraiche bho ghnìomhachas a’ chòmhdhail ag ràdh gum bheil an àireamh a tha glaiste nas fhaisge air deich mìle!  Gun iomradh air a’ chruadal aig an luchd-siubhail sin glaiste nan carbadan gun bhiadh neo goireasan ionnlaid na eile, agus nach fhaigh mòran aca a-nise dhachaigh airson na Nollaige, tha iomadh gnìomhachas beag an cunnart a dhol à bith leis nach eil bathair luachmhor dol a ruigheachd a cheann-uidhe! Buille eile bhon choròna-bhìoras, agus tha mòran de na buidhnean beaga sin ann an Alba, ach ’s e an tàmailt gun robh cothrom agus còir an dàil seo a sheachnadh.

Stiùireadh màirnealach luideach bho riaghaltas Lunnainn a tha air cosnaidhean mhòran eile a chur an cunnart!  Ma tha nàire orra bidh iadsan cuideachd toilichte 2020 fhaicinn seachad!

Most will be glad to say farewell to 2020, surely not least those in government who wasted three days before taking action to enable traffic to flow from Dover, a delay which has put some SMEs  in serious jeopardy.  Coronavirus can only be partly to blame for any job losses!