Beachd Ailein with Allan Campbell – 24.12.20

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

An oidhche ron Nollaig agus ’s neònach mur eil othail shònraichte anns gach oisean sam bheil an òigridh, le fadachd fios fhaotainn air dè dh’fhàg bodach na feusaige dhaibh! ’S cinnteach gum bi cuimhne aig a’ mhòr-chuid agaibh a tha a’ leughadh seo air àm Nollaige nuair a bha sibh fhèin òg, agus mar a bhiodh sibh air bhioran le dùil agus dòchas. Tha deagh chuimhne agam fhìn air na h-ùineachan a chuireamaid seachad a’ coimhead catalog JD Williams neo Oxendale, agus mar a bhithte a’ taghadh na dh’iarramaid. Saoilidh mi gun robh tomhas làidir de mhothachadh againn aig aois gu math tràth, ged ’s dòcha nach robh làn- thuigse againn carson a bha cùisean mar sin,  nach b’ urrainn dhuinn a h-uile dad a mhiannaicheamaid fhaotainn, agus bha sin a’ cur fiù ’s barrachd faobhair air ar boil agus mì-fhoighidinn! Toiseach caogadan na linne mu dheireadh, cha robh an Dàrna Cogadh fada seachad is bha cosnadh agus airgead gann, is bidh mi tric a’ smaoineachadh air cho doirbh ’s is fheudar a  bha bith-beò phàrantan theaghlaichean òga an uairsin gun iomradh air cosgais Nollaige air uachdar. Nach minig a chuala sinn inbhich ag aithris mar a bhiodh iadsan cho sona ubhal agus ’s dòcha bonn sia-sgillinn fhaotainn san stocainn Latha na Nollaige nuair a bha iad fhèin òg!   ’S i a’ chuimhne a th’ agam gum biomaid glè shona leis na thigeadh às na stocainnean, ged a bhiodh farmad againn aig amannan ri caraidean a fhuair tiodhlac a bha sinne cuideachd a’ dùrachdainn.

Gun teagamh sam bith bha a h-uile teaghlach nan sgàthan air suidheachadh eaconamach na coimhearsnachd agus gu nàdarra bha pàrantan aig amannan ag àicheadh cofhurtachd dhaibh fhèin gus rudan a thoirt dhan chloinn. Cha do dh’atharraich an suidheachadh sin mòran gu mì-fhortanach, agus far am bheil teaghlaichean a’ fulang ann am bochdainn fhathast tha iomadh pàrant gan cur fhèin ann am fiachan fad mhìosan gus sonas Nollaige a bhuileachadh air teaghlaichean. Aig an àm, agus sa choimhearsnachd san robh mise a’ fàs suas, bha na h-uile car aig an  aon ìre agus cha robh cus adhbhar farmaid ann, ach an-diugh ged nach biodh ann ach na chì an òigridh air TBh tha e nàdarra dhaibh a bhith ag iarraidh beagan de na tha iad a’ faicinn aig comhaoisean. Chuir e bròn orm bho chionn beagan bhliadhnaichean nuair a bha mi a’ leughadh mu phàrant dam b’ fheudar dèideagan fhaotainn air iasad bho “leabharlann dhèideag” ach an d’ rachadh aice air rud a chur ann an stocainnean a cuid cloinne. Nach bu mhath an tiodhlac e dhan dùthaich nach biodh feum air leithid sin tachairt gu bràth tuilleadh!

Tha mi a’ guidhe spiorad dòchais na Nollaige dhuibh le làithean sona, soirbheachail, agus gun tig gach maitheas a mhiannaicheas sibh gu bith anns a’ Bhliadhn’ Ùr!

May the hope and joy of Christmas be with you and may all your good wishes for a new year be realised!