Beachd Ailein with Allan Campbell – 10.12.20

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Chaidh a ràdh rium gun robh an colbh seo car dubhach air an t-seachdain seo chaidh, gabhadh mo leisgeul ma bha sibhse cuideachd den bheachd sin! Ged a tha iomadh dùbhlan agus ’s dòcha adhbhair iomagain san t-saoghal aig an dearbh àm chan eil teagamh nach e seo ràith fìor dheagh naidheachd a’ chreideimh Chrìosdail, agus cha bhiodh dùil ri dubhachas sam bith an lùib sin, am biodh?  ’S iomadh facal a chaidh a sgrìobhadh air mar a tha ana-caitheamh ga dhèanamh air ciall agus teachdaireachd spioradail na Nollaige leis mar a tha saoghal coimearsalta a’ sìor ghreimeachadh air gus bathair de gach seòrsa a reic. Ann am beachd mhòran tha  creideamh a’ chalpachais a’ dubhadh sàr sgeul dòchais àm na Nollaige agus iarrtasan Ràith an t-Subhachais a’ fàgail mhòran fo uallach agus ann am fiachan fad ùine às a dhèidh.  Leis gum bheil a’ bhliadhna seo air a bhith cho tur neo-àbhaisteach thug mi sùil air ais air dè bh’ air m’ inntinn air an aon t-seachdain an-uiridh.

Aig co-labhairt eadar-nàiseanta anns an Spàin an uairsin bha luchd-iomairt dìon na h-àrainneachd a’ gearan gun robh iad sgìth de bheul-brèagha bho dhùthchannan an t-saoghail agus iad a’ guidhe ghnìomhan susbainteach gus bacadh fhaotainn air teasachadh na cruinne. Bha ceannard UEFA ag aideachadh gun robh gràin-cinnidh ann an saoghal spòrs bhall-coise a’ dol am meud. Agus bha eas-aonta mì-iomchaidh am measg cheannardan dhùthchannan NATO an dèidh seachdad bliadhna den bhuidheann, is cuid aca a’ call sealladh air prìomh chuimse sìth na buidhne. Bhuail e orm gum bheil an dleastanas sin aig NATO na sheòrsa de bhanachdach sìthe!

Cha robh dad togarrach anns na h-aithrisean sin,  agus cha mhotha na sin a thachair gnìomhan sònraichte bhon uairsin a bheir misneachadh mhòr sam bith a thaobh dìon na h-àrainneachd, neo cur às do ghràin-cinnidh. Ged is dòcha gun do thachair adhartasan air choreigin bha a h-uile càil air fhalach fo sgàile a’ choròna-bhìorais fad faisg air naodh mìosan, agus sunnd is spiorad an t-sluaigh ga shìor mhùchadh. Ach abair deagh naidheachd a-nise is a’ chiad bhanachdach dearbhte agus lìbhrigeadh oirre a’ tòiseachadh, is co-dhiù aon tèile cha mhòr deiseil cuideachd!  ’S e an cunnart a-nise gum bi daoine air am mealladh le misneachd agus gun trèig iad na modhan  a thathas a’ moladh a dh’fheumar a chleachdadh airson deagh ùine fhathast. Mar sin tha faiceall chiallach deatamach, ach tha togail iongantach anns an deagh naidheachd seo dha mòr-shluagh an t-saoghail nach cualas a leithid theagamh bho nochd fios air crìoch an Dàrna Cogaidh bho chionn seachdad is còig bliadhna air ais! Ged a bhios dùbhlain romhainn fhathast tha sinn gun teagamh air gluasad gu ruige ràith ùr dòchais, agus gum meal ’s gun caith sinn uile sin!

The continuing Covid scourge had made the “festive season” seem something of a misnomer until now, but news of progress with vaccines has brought a worldwide season of hope! May all best wishes for health be granted!