Beachd Ailein with Allan Campbell – 12.11.20

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Thug mi iomradh anns a’ cholbh seo air an t-seachdain a chaidh mun uabhas a  bha air tighinn air pàirtean den Tuirc agus na Grèige a’ leantainn crith-thalmhainn chumhachdach san sgìre. Bha mi a’ dèanamh deilbh de dhaoine nan èiginn bròin a’ bùrach anns an sprùilleach far an robh àitean-còmhnaidh agus teaghlaichean a’ fuireach roimhe. ’S e gun teagamh ìomhaigh dhuilich a th’  ann agus mun àm a chrìochnaich an obair-teasairginn feasgar Dhiciadain seo chaidh bha ceud is sia deug neach air an lorg marbh agus bha mìle is trithead ‘s a còig air an leòn.

Bha sgiobaidhean-teasairginn air a bhith ag obair mar pheilear am beatha bho ghoirid an dèidh dhan sgrios tachairt Dihaoine, agus tuigear an toileachas tiamhaidh a bh’  orra nuair a chaidh clann òga a lorg. Ach còrr air ceithir latha air adhart bu bheag a bha dhùil ris a’ chòrr fhaotainn beò, agus nach b’ iongantach mar sin an sealladh caileag trì bliadhna a dh’aois a bhith ga togail beò bhon bhùrach anns an robh i tìodhlaicte fad còrr air naochad uair ‘s a h-aon! Cha b’ iongnadh Mèar bhaile Izmir fàilte a chur air a’ ghleidheadh a chaidh oirre mar mhìorbhail, agus adhbhar gàirdeachais anns an dorchadas uabhasach a bha an sgìre a’ fulang! Tha e duilich aithris gun deach màthair na h-ìghne a mharbhadh, ged a thàrr a h-athair is a bràthair às beò, agus chan urrainn dhomh gun a bhith smaoineachadh dè seòrsa làraich a dh’fhàgas an tachartas air an leanabh sin. ’S dòcha leis gum bheil i cho òg nach lean mòran neo fiù ’s dad idir na cuimhne, agus nach bu mhath gur ann mar sin a bhiodh agus, ged a bhios i gu nàdarra ag ionndrainn a màthair, gum bi saoghal fada sona an dàn dhi.

Chaidh aithrisean naidheachd mun chrith-thalmhainn a mhùchadh an ìre mhath feadh an t-saoghail fo chuideam sgeulachd chrith-thalmhainn de shèorsa tur eadar-dhealaichte far an robh taghadh chinn-suidhe ùr Ameireagaidh a’ gabhail àite bho Dhimàirt seo chaidh. Gu h-iongantach bha na h-eòlaichean bheachd a bha a’ fàidheadaireachd gum buannaicheadh na Deamocrataich gun chus strì fada ceàrr, a-rithist! Dh’fhàg sin farpais ghuineach a’ leantainn fad làithean, agus suidheachadh cha mhòr do-chreidsinneach le Ceann-suidhe tè de phrìomh dhùthchannan an t-saoghail a’ cur chasaidean foill an aghaidh an t-siostam taghaidh phoilitigeach aig a dhùthaich fhèin, agus a’ bagairt a dhol gu lagh gus an taghadh a ghleidheadh.  An dèidh ceithir bliadhna de bhurraidheachd is bhuamastaireachd Dhòmhnaill Trump chan eil ’s dòcha dad a nì e a’ cur annas air mòran, ach feumar cuimhneachadh gum do bhòt faisg air seachdad millean Ameireaganach air a shon a-rithist mar Cheann-suidhe! Dè tha an dàn dhan t-saoghal ann an solas leithid sin? An còir dhuinn a bhith draghail?

Joe Biden has been declared American President elect. Trump’s extraordinary accusation of corruption in the system which elected himself as President is more worrying knowing that almost 70 million Americans voted to give him a second term!

Allan Campbell,  ailean@obantimes.co.uk