Beachd Ailein with Allan Campbell – 5.11.20

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic. The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thank you for supporting us during this incredibly challenging time.

We value our content and access to our full site is only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device.  In addition, your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards.

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish).

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Gàirdeachas ann an saoghal a tha car dorcha leis gun do bhuannaich Alba aig an rugbaidh an aghaidh na Cuimrigh, le 14 puing gu 10! Thug e snodha gàire orm fhaicinn gun robh fear leis an ainm Harris a’ cluiche dha Alba, agus fear Lewis ann an sgioba na Cuimrigh, cha robh a dhìth ach rèitire leis an ainm Cliseam!  Thàinig glasadh nàiseanta a’ choròna-bhìorais anns an rathad sa Mhàrt agus dh’fhàg sin sinn a’ feitheamh greis mhòr ris na geamannan deireannach anns an fharpais sia nàiseanan seo. Ach bha Alba a’ feitheamh ochd bliadhna deug airson gèam rugbaidh eadar-nàiseanta a bhuinnig an aghaidh na Cuimrigh ann an Cardiff!  B’ e gèam math a bh’  ann agus na mo bheachd dh’fhàg cothromachd chomasan nan sgiobaidhean fa leth an fharpais nas teinne agus cùisean nas inntinniche, agus nas spreòdaiche, dhan luchd-amhairc. Bha e tàmailteach dhan dà sgioba nach fhaodadh sluagh a bhith an làthair aig a’ phàirc ag amharc a’ ghèama beò, agus gun teagamh bha na cluicheadairean agus luchd-amhairc air telebhisean ag ionndrainn an t-seinn mhìorbhaileach a bu dual a bhith ri chluinntinn aig leithid de ghèam anns a’ Chuimrigh. Mar is dual cuideachd, agus a dh’aindeoin sàr spàirn a’ gheama, chrìochnaich cùisean gu càirdeil modhail. ’S mairg a rachadh eatarra, car mar a tha fìor le sluagh gach taobh dhen Chliseam!

Taobh eile na Roinn Eòrpa bha muinntir baile agus sgìre Izmir san Tuirc a’ cladhach gu brònach tro sgrios na crith-thalmhainn a mharbh co-dhiù deugachadh dhaoine agus a dh’fhàg ceudan eile air an droch leòn. Suidheachadh uabhasach far am bheil daoine nan èiginn a’ lorg bhall teaghlaich agus chàirdean, le dòchas gun tig iad beò bhon sprùillich. Mar a dh’èirich le Covid 19 chan eil crith-thalmhainn a’ toirt feart sam bith air crìochan a stèidhich mac an duine agus thug an criothnachadh seo cuideachd buaidh air a’ Ghrèig ann an nàbachd na Tuirce. Fad iomadh bliadhna tha cùisean eadar an dà nàbaidh sin air a bhith gu math fuar agus aimhreiteach, ach ’s neònach mar a thachras agus tha e coltach gun tug an sgrios a bhuail orra le chèile luchd-riaghlaidh nan dùthchannan seo ri chèile mar nach fhacas bho chionn fhada. Nach bu mhath gun leanadh agus gum fàsadh sin gu còrdadh maireannach.

Le Sasainn air ais fo làn-ghlasadh a-rithist tuigear leamhachas agus tàmailt mhuinntir na dùthcha sin, ach theagamh gum bheil daoine a’ fàs nas mì-riaraichte leis a’ charachd phoilitigeach a tha a’ dol an lùib chùisean. Saoilidh mi gur e rùn a’ mhòr-shluaigh gun dèanar na ghabhas, cho luath ‘s a ghabhas, gus a’ choròna-bhìoras a cheannsachadh agus gum bheil e mar dhleastanas air gach pàrtaidh poilitigeach co-obrachadh gus an t-amas sin a choileanadh! Bidh sin a’ ciallachadh gun tèid dèiligeadh  gu cothromach ri gach sgìre den dùthaich ge bith an cuid dàimh phoilitigeach.

Long-standing differences between Turkey and Greece may begin to improve in the tragic aftermath of the recent earthquake and floods. Political unity in extremis, as we want in tackling coronavirus!