Beachd Ailein with Allan Campbell – 22.10.20

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thanks you for supporting us during this incredibly challenging time

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Tha an deasbad eadar an Riaghaltas ann an Lunnainn agus  ceannardan chuid de bhailtean- mòra chinn a tuath Shasainn air teasachadh fiù ’s barrachd, le casaidean air Ministearan gum bheil burraidheachd agus breugadh ga chleachdadh gus poileasaidh a chur an gnìomh. Bheil cus air atharrachadh ma-thà bhon t-seachdain a chaidh? An e iongnadh a th’ ann gum bheil daoine a’ fàs pailt cho sgìth de naidheachdan Covid 19 ‘s a bha iad de sgeulachd Brexit fad chòrr air ochd mìosan deug roimhe?

Ach chan eil modh oistric dhan t-sluagh dol a dhèiligeadh ri dùbhlain den t-seòrsa agus tha feum air aonta chiallach bho cheannardan ris an gabh a’ mhòr-shluagh.  Sin dùbhlan eile! Ged a tha luchd-poilitigs air a bhith a’ feuchainn ri slighe èifeachdach a lorg le Brexit agus Covid, tha e fìor cuideachd gun robh iad a’ dèiligeadh ri suidheachaidhean annasach air nach robh eòlas aig neach sam bith. Cha do chuir sin stad orra a bhith a’ toirt gheallaidhean air adhartas soirbheachail. ’S e pàirt de dhual-nàdair luchd-poilitigs nach eil e cur cus dragh orra nuair nach tig na gheall iad gu buil, gheibhear leisgeul air choreigin. Bidh mi a’ cuimhneachadh air an sgeulachd aig mo sheann neach-teagaisg Calum MacLeòid mu nach biodh seanalair airm uair sam bith a’ tarraing air ais, ’s ann a bhiodh e a’ tionndadh agus a’ dol air adhart!

Eadar na deasbadan air aonta dealachaidh bhon Roinn Eòrpa agus an t-srì an aghaidh a’ choròna-bhìorais chunnacas mar-thà iomadh gealladh, bho Mhinistearan, a chaidh a  bhriseadh. Chan eil e soilleir a bharrachd gum bheil na poileasaidhean a thathas a’ feuchainn ri chur an gnìomh dol a liubhairt an toraidh as fheàrr dhan dùthaich.  Saoilidh mi gum bheil sin a’ fàgail ùmhlachd an t-sluaigh dha riaghailtean nas dorra a ghleidheadh, ach ged a thuigear sin gu ìre tha e draghail da-rìribh gum biodh uimhir cho beag tùir ’s gun siùbhladh iad gu taighean-seinnse anns na Crìochan a choimhead ball-coise air telebhisean.  Beagan tlachd ‘s dòcha a bhith a’ dùbhlanachadh Prìomh Mhinistear  na h-Alba, gun ghuth air a’ chunnart san robh iad gan cur fhèin ‘s an teaghlaichean agus an dùthaich gu lèir.

Chaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2020 seachad air-loidhne, agus ged a chòrd na chunnaic iad ri daoine bha ionndrainn air coinneachadh. Ged a bha i fliuch madainn Dhisathairne seo chaidh nuair a bha còir aig na còisirean a bhith a’ cruinneachadh, thog a’ mhadainn oirre agus nochd a’ ghrian gu brèagha. Ag amharc a’ cheò ‘s an smùid a’ dol à sealladh fo bhuaidh theas na grèine bhuail e orm gur dòcha gur e deagh shamhla a bh’ ann air na bhios romhainn airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021. Bidh sinn beò an dòchas!

Are people suffering from restriction fatigue and increasingly ignoring regulations, or is this evidence of frustration with many unfulfilled political promises?  Defying government regulations, however gratifying, puts the perpetrator and all his family and friends at risk, as well as those who neither know him nor support his recklessness!