Allan’s Mod

Allan Campbell.

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnuic their an sean-fhacal, agus tha Mòdan a’ Chomuinn Ghàidhealaich air a bhith aithnichte fad iomadh bliadhna mar chothrom dha Gàidheil cruinneachadh gus càirdeas is eòlas ùrachadh, is an cànan ’s an dualchas fhoillseachadh.

Bidh fios aig a’ mhòr-chuid agaibh gum bheil am facal “mòd” a’ ciallachadh cruinneachadh sluaigh a bhiodh glè thric an lùib chuisean lagha is breithneachadh air choreigin ga dhèanamh. Chan ann a h-uile latha bhios mòd aig Mac an Tòisich. ’S ann co-cheangailte ri leithid sin a nochd an abairt mun bhàillidh Tòiseach Mhonadh a’ Bhàird aig Iarla Pheairt, agus a rèir aithris, leis gun robh e deònach ainm a chosnadh dha fhèin mar bhritheamh bhiodh e a’ cur binn bàis air co-dhiù aon neach aig a h-uile mòd! Ged is e ’s dòcha rèite fhaotainn air eas-aonta a bheireadh na daoine chun na mòdan sin, agus b’ annasach mur a biodh beagan crac is fiù ’s ceòl a’ dol nuair a bhiodh am breithneachadh seachad, agus cha bu Ghàidheil iad mura biodh drama ann cuideachd!

Mòr is cudromach ’s gun robh na mòdan eachdraidheil sin a bhiodh a’ tachairt air cnocan an siud ‘s an seo, ’s neònach gum biodh iad a’ tàladh àireamhan sluaigh mar a chithear aig Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ Chomuinn Ghàidhealaich gach bliadhna, is sa bhitheantas eadar ochd is deich mìle a’ frithealadh. Thadhail barrachd air dà mhìle dheug air Mòd 2019 ann an Glaschu! Ri linn saothrach mhìltean luchd-taice saor-thoileach, farpaisich, agus britheamhan; agus taic ionmhais bhuidhnean poblach, prìobhaideach, chomhairlean, agus an riaghaltais; agus ùidh luchd-tadhail; tha am Mòd Nàiseanta air tachairt gach bliadhna bho 1882, seach a-mhàin bliadhnaichean an dà Chogadh Mhòr. Chan iongnadh sibh a bhith ag ionndrainn ùrachadh eòlais air càirdean is caraidean aig a’ Mhòd Nàiseanta am- bliadhna, ach cha robh dòigh air a’ cho-dhùnadh a rinn sinn a sheachnadh.

Nuair a nochd sinn fios toiseach an t-samhraidh gun robh dàil bliadhna gu bhith air Mòd Nàiseanta Inbhir Nis 2020, agus le làn-mhothachadh air tàmailt luchd-frithealaidh na cuirme às gach àite, chuir Ceannard a’ Chomuinn Seumas Greumach roimhe feuchainn ri òrain agus ceòl Gàidhlig fhoillseachadh air-loidhne san Dàmhair gus ceangal a ghleidheadh le coimhearsnachd na Gàidhlig. Tha sinn moiteil da-rìribh a’ chiad Mhòd Nàiseanta riamh air-loidhne a thoirt thugaibh tron t-seachdain seo, agus le luchd-pàirt eadar-nàiseanta aig nach biodh leithid de chothrom san àbhaist. Bidh sinn a’ beachdachadh an gabh leithid de chothroman leudachadh as na bliadhnaichean romhainn.
’S e “Mòd mar gum biodh” a th’ againn am-bliadhna is sinn a’ coinneachadh tro dhrochaidean ciùil is còmhraidh dhidseatach, ach tha sinn an dòchas gun còrd na chluinneas sibh tron t-seachdain ribh uile, air-loidhne bhon Chomunn ’s bhon Mhòd, agus air BBC Alba is Rèidio nan Gàidheal!

While this year’s Royal National Mòd gathering is by way of digital bridges of music and conversation, An Comunn Gàidhealach hopes you are enjoying the unique experience and the memories rekindled by BBC Alba and Radio nan Gaidheal programmes.