Beachd Ailein with Allan Campbell 10.9.20

Want to read more?

At the start of the pandemic in March we took the decision to make online access to our news free of charge by taking down our paywall. At a time where accurate information about Covid-19 was vital to our community, this was the right decision – even though it meant a drop in our income. In order to help safeguard the future of our journalism, the time has now come to reinstate our paywall, However, rest assured that access to all Covid related news will still remain free.

To access all other news will require a subscription, as it did pre-pandemic The good news is that for the whole of December we will be running a special discounted offer to get 3 months access for the price of one month. Thanks you for supporting us during this incredibly challenging time

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

’S dòcha gun do mhothaich sibh, air an dàrna latha den t-Sultain, gun robhas a’ comharrachadh seachdad is còig bliadhna bho chaidh crìoch oifigeil air a’ chogadh le Iapan a dhaingneachadh ann an sgrìobhadh air bòrd an t-soithich-cogaidh Ameireaganach USS Missouri, ann am Bàgh Tokyo. Ged a bha an t-Ìmpire Hirohito air aithris gèillidh a chraoladh air 15 Lùnastal 1945, b’ e 2 Sultain an latha air an do chuir riochdairean bho gach dùthaich a bha an sàs an aghaidh Iapan an ainmean ris an aonta sìthe. Bha cogadh na Roinn Eòrpa an aghaidh na Gearmailte air tighinn gu crìch air 8 an Cèitean 1945, agus bha dòchas a-nise air fois feadh an t-saoghail, airson greis co-dhiù. Thòisich a-nise tuigse air nochdadh a thaobh na brùidealachd uabhasach a dh’fhuiling na prìosanaich-cogaidh a bha an grèim, agus air an cleachdadh mar thràillean, aig na Iapanaich. Bha an dìol a rinneadh air prìosanaich leis a’ Ghearmailt agus Iapan borb da-rìribh, agus chailleadh mòran ri linn.

Eadar teaghlaichean mo phàrantan bha sianar fhear aig muir tron chogadh, còignear sa Chabhlach Mharsanta agus aon sa Chabhlach Rìoghail, agus gu fàbharach thàinig iad uile troimhe beò ged a bha iad tric glè fhaisg air an call. Cha robh coimhearsnachd air feadh na dùthcha air nach do dh’fhàg an Dàrna Cogadh Mòr lot, agus beàrn nach gabhadh leigheas ann am beatha agus eachdraidh ginealaich. Thug a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ìobairt shònraichte san t-seagh sin, agus sin a dh’fhàg mise cho fortanach gun do thàrr cuideachd m’ athar is mo mhàthar às a’ bhlàr. Le maraireachd mar aon de na dreuchdan air an robh Gàidheil agus Eileanaich riamh measail dh’fhàg sin gun robh mòran dhiubh am measg nan 30,248 a chailleadh anns a’ Chabhlach Mharsanta tron a’ chogadh, agus tha cuid den bheachd nach d’ fhuair gaisge na seirbheis shìobhalta sin riamh an aithne  air an robh i airidh. Canaidh eòlaichean gu dearbh nach robh Breatann air buannachadh mura b’ e na rinn a’ Chabhlach Mharsanta. Thigeadh dhuinn a bhith moiteil às na maraichean sin uile, ged nach robh iad fhèin idir dualach cus innse mu na chunnaic is na dh’fhuiling iad!

Chunnaic mi cuideachd gur ann air 4 Sultain 1886, a ghèill an ceann-feadhna ainmeil Apache, Geronimo, ris an t-Seanalair Nelson Miles. B’ e an cron aig Geronimo gun robh e air ceann an ar-a-mach mòr mu dheireadh aig tùsanaich Ameireagaidh. Nach bu nàdarrach gum biodh iad a’ strì gus an cuid talmhainn dualach a dhìon bho mhèirlich, Ghàidhealach is eile, a bha ga ghoid bhuapa!

My father, and four uncles, survived north Atlantic and Russian Merchant Navy convoy service throughout the Second World War, but more than 30 thousand of their fellow merchant seamen perished.

The 75th anniversary of VJ-day on September 2 was a significant reminder.  So, too, was the September 4 anniversary of the native American Apache chief Geronimo’s surrender to General Nelson Miles. Geronimo’s ‘crime’?  That he led a defence of ancestral lands against foreign invaders!

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk