Beachd Ailein with Allan Campbell 27.8.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Chan e rud ùr sam bith a th’ ann am mèirle, agus a dh’aindeoin linntean de leasachadh eòlais agus shìobhaltachd tha goid fhathast cho bitheanta ‘s a bha riamh, agus mòran de na tha ris a’ faotainn dheth leis a’ chron.

Tha gnìomhachas an fhearainn air aon raon coimhearsnachd a tha a’ fulang gu mòr eadar stoc a bhith ga thogail air falbh, agus uidheam chosgail ga shiolpadh far thuathan is chroitean feadh na dùthcha. Gu mì-fhortanach cuideachd mar as motha tha teicneòlas ga leasachadh ’s ann as motha tha mèirle a’ fàs, agus tha a-nise an uidheamachd stiùiridh saideil anns na tractaran as ùire ga ghoid asta agus sin a’ cur maille agus cosgais air obair thuathanaich thall ‘s a-bhos. Carson nach eil na h-eòlaichean innleachdail a tha a’ cruthachadh leithid seo de ghoireasan gan dìon gus nach biodh iad gu feum sam bith ann an inneal eile. Shaoileadh tu gun cuireadh sin stad air a’ mhèirle agus a’ chosgais mhòr de gach seòrsa a tha na cois.

Theagamh gun can feadhainn gum bheil cuid a sheòrsa mèirle nas miosa na chèile ach aig ceann cùise tha mèirle a’ ciallachadh gum bheil cuideigin a’ toirt rud air falbh bho neach eile aig am bheil còir air. Faodaidh sin tachairt fiù ’s ged nach biodh an neach a tha a’ dèanamh an eucoir a’ faotainn buannachd sam bith bho ghnìomh a tha a’ tighinn à ana-caitheamh air cumhachd, neo ’s dòcha droch cho-dhùnadh feallsanachdail. Fhuair mìltean de mo ghinealach fhìn cothrom air foghlam àrd-ìre ri linn thabhartasan fialaidh ionmhais, ged ’s dòcha nach robh sinn mothachail aig an àm air cho fortanach ‘s a bha sinn. Ginealach air adhart agus bha iomadach oileanach a’ crìochnachadh an cuid foghlaim le fiachan nan uallach a’ leantainn riutha fad bhliadhnaichean. Ach thar nan ginealaichean sin cha deach bacadh sam bith air na cothroman aig duine againn ri linn cò sinn neo cò sgoil às an tàinig sinn, bha cothroman co-ionann a rèir spàirn agus dealas an oileanaich.

‘S iomadh duine a nochd a’ bheachd gur e droch rud a bh’ ann a bhith a’ cruthachadh clàr èifeachdais sgoiltean feadh na dùthcha, gu h-àraid leis nach robh co-ionannachd shòisealach neo eaconamach anns na coimhearsnachdan a bha iad a’ frithealadh. Cha robh sin idir a’ ciallachadh nach fhaodadh comasan oileanaich a bhith pailt cho adhartach ann an sgìrean bochda! A dh’aindeoin a’ chronachaidh lean an rangachadh air sgoiltean chun na h-ìre gun toinisg a dh’fhàg cothroman foghlaim àrd-ìre òigridh feadh na rìoghachd gan goid bhuapa le co-dhùnaidhean eòlaichean a bha, agus a tha fhathast, cho ceàrr ‘s a ghabhas a bhith! ’S math gu dearbh gun deach an latha leis na h-oileanaich an turas seo, agus gur math a thèid leotha uile.

Best wishes to all students who snatched opportunity from the jaws of unfair algorithmic re-aligned results. May their future performances prove once and for all that people should never be penalised for economic and social disadvantage in their communities.

Allan Campbell, ailean@obantimes.co.uk