Beachd Ailein with Allan Campbell 20.8.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

“Tha coltas math air a’ bhuntàta am-bliadhna!” Nach b’ eòlach sinn uile air abairtean den t-seòrsa sin mun bhuntàta, agus mu iomadach planntrais eile. Bha sinn cuideachd glè eòlach air duan eile nach robh idir cho subhach, deireadh foghair, is daoine ag ràdh nach “robh ann ach am bàrr”, is nach do choilean e a ghealladh! Sin beagan den dùbhlan a tha daonnan an lùib obair-cuir is buain aig ìre bheag is mòr, agus tha an fheadhainn a tha ris an obair air fàs leagte ri mar a thachras cùisean.

Tha ar saoghal làitheil air a riaghladh le eòlaichean de gach seòrsa a bhios a’ fàidheadaireachd air na tha iad am beachd a thachras agus tha saoghal ionmhais, gnìomhachais, agus poilitigs fo bhuaidh nam beachdan sin, agus gu ìre  tha “lèirsinn” nan daoine sin a’ riaghladh ghluasadan an t-saoghail nas motha na ceannardan riaghlaidh! Gun teagamh sam bith ’s math ionnsachadh bho eachdraidh agus cha bu chòir cùl a chur ri beachdan glice, ach mar a thuirt Àrd-Ollamh Eaconamachd uaireigin a thaobh staitistearachd, tha e feumail gus barrachd soillse a thoirt air trioblaid seach a cheartachadh! Ach tha naidheachdan an t-saoghail a’ dearbhadh dhuinn gach latha mar a tha mìltean de dh’eòlaichean foghlamaichte a’ dèanamh deagh chosnadh à bhith a’ breithneachadh air na tha romhainn. Feumar aideachadh gum bheil cuid den bhreithneachadh sin air tighinn air adhart gu mòr, ged nach biodh ann ach an ìre gum bheil teicneòlas air fios mun aimsir a leasachadh gu ìre ’s nach eil adhbhar aig na bodaich is na cailleachan (sinne!) a bhith tuilleadh a’ càineadh “aimsir na wireless” mar a bha!

Ach saoilidh mise gur còir do ro-aithrisiche onarach aideachadh gum bheil tomhas de  thuiteamas anns an ìre gun tig na tha e neo i a’ fàisneachd gu buil, car mar a tha an croitear agus toradh a chuid bàrr.  Bha seann Ghàidheil a’ tuigsinn sin na b’ fheàrr na tha sinne nuair a chruthaich iadsan an seanfhacal “na àireamh a chaoidh an t-iasg gus an tig e às a’ mhuir!”. Tha truaighe Covid 19 a’ bagairt sluagh an t-saoghail ann an caochladh dhòighean, eadar slàinte agus gu h-eaconamach, agus tha beachdan glè dhraghail a’ nochdadh air na dh’fhaodadh sin ciallachadh dhuinn uile a thaobh dìth chosnaidhean is eile. Nach bu mhath gum biodh na h-eòlaichean sin dìreach fiù ’s rud beag ceàrr agus nach biodh an trioblaid a’ leantainn cho fada gun bhacadh maireannach, agus cuideachd gun tigeadh a’ mhòr-shluagh às an deuchainn seo nas glice, agus nas càirdeile dha chèile, na bha iad roimhe.

“Gum ann a ghonar am fiosaiche, mun tig an fhiosachd fìor!”

Forecasting the future is not an exact science and successful outcomes will always depend on an element of luck. It would be good if the worst predictions of health and economic tribulations following Covid 19 did not materialise, and also that people emerge from the crisis wiser and more respectful of each other.

Allan Campbell
ailean@obantimes.co.uk