Beachd Ailein with Allan Campbell 13.8.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Saoilidh mi gun robh Nicola Sturgeon glè cheart a bhith fiadhaich mun ladarnas aig caigeann de chluicheadairean sgioba bhall-coise Obair Dheathain a chaidh gu ruige taigh-seinnse trang sa bhaile an aghaidh riaghailtean aontaichte a bha a’ bacadh a leithid. Bha sinn uile mothachail fad sheachdainean air an t-suirghe a bha na sgiobaidhean agus luchd-taice a’ dèanamh air Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh aonta gus an spòrs a leigeil air ais. Thuigeadh a’ mhòr-chuid an liuthad argamaid a bh’ ann airson sin, eadar feumalachdan nan cluicheadairean an cuid sgilean cluiche a chumail suas, feumalachdan luchd-taice air cofhurtachd a’ chur-seachad a bha iad ag ionndrainn cho mòr, agus cuideachd am feum a th’ aig na sgiobaidhean air tòiseachadh ri cosnadh a-rithist. Cha robh mise idir mothachail air ìre   an aonta mhionaideach a chaidh a stèidheachadh eadar buidhnean-riaghlaidh a’ bhuill-coise ann an Alba agus an Riaghaltas, gus leigeil le farpaisean tòiseachadh às ùr. Ach tha e soilleir gun robh mothachadh ann air mar a dh’fhaodadh sluagh cruinneachadh an lùib  “rionnagan” spòrs agus ri linn sin, fhad ’s a mhaireadh suidheachadh èiginneach a’ choròna-bhìorais, gun robh e cudromach gun seachnadh cluicheadairean ionadan poblach gus cuideachadh le smachd a chumail air an tinneas. Le dùil gun robh na riaghailtean sin air am mìneachadh dha cluicheadairean proifeiseanta air fad nach iongantach gun d’ rachadh ochdnar à aon sgioba an aghaidh na comhairle a fhuair iad, gan cur fhèin agus an dùthaich air fad ann an cunnart bho ath-bheothachadh de Chovid 19. Fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh seo tha fios gum bheil an t-ochdnar fo ghlasadh leth-oireach, agus dearbhadh gum bheil a’ bhìoras air dithis aca.

Chan iongnadh gu dearbh na feirge aig Prìomh Mhinistear na h-Alba, neo na h-argamaidean aig cuid a dhaoine gur còir càin chruaidh a dhol air na cluicheadairean fa leth, agus air an sgiobadh chorporra, le cunnart ann gum faodadh clàran spòrs de gach seòrsa an tuilleadh bacaidh fhulang ri linn seo. ’S e an t-adhbhar sgàig as motha uile gu lèir, air iomall an t-suidheachaidh seo, gum faodadh e buaidh a thoirt air planaichean gus sgoiltean na dùthcha fhosgladh a-rithist. Mar a thog mi air an t-seachdain seo chaidh saoilidh mise gum bheil foghlam chloinne air dleastanas cho cudromach ‘s a tha an urra ri dùthaich sam bith, agus a dh’aindeoin gach argamaid chiallach a ghabhas cur às leth spòrs, taighean-bìdh, is taighean-seinnse, chuirinn foghlam air toiseach orra uile. Gu h-inntinneach tha mi a’ faicinn gum bheil Boris MacIain a’ nochdadh an aon bheachd a-nise.

Chan e nàire a bu chòir a bhith air feadhainn a chuireadh an cothrom foghlaim sin an cunnart, ach masladh, agus bu chòir ìre peanais a dhol orra a bhios na eisimpleir shusbainteach a bheir buaidh air daoine eile!

Whether an act of arrogance or ignorance, the behaviour of six Aberdeen footballers has created serious consequences, but above all else education provision must be protected as one of the vital responsibilities of government to the people it represents.

Allan Campbell
ailean@obantimes.co.uk