Beachd Ailein with Allan Campbell 23.7.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Bha caochladh adhbharan againn airson tilleadh dhan Eilean Sgitheanach airson trì làithean air an t-seachdain seo chaidh, agus mar a thachair bha sinn a’ siubhal a-null air an latha a bha riaghailtean a’ ghlasaidh gan togail gu ìre mhòr.

’S dòcha ri linn an lasachaidh sin a bhith dìreach a’ tachairt, bha sinn mothachail gun robh na rathaidean fhathast gu math sàmhach airson an àm den bhliadhna, ach mun àm a thill sinn Disathairne abair, mar a tha an seanfhacal ga chur, “gun robh car eile ann an adharc an daimh!”  Gun fhacal brèige bha càraichean agus carbadan campachaidh a’ taomadh a-staigh chun an taobh an iar, agus dhan Eilean Sgitheanach gu sònraichte, agus mar a bha mi ag ràdh anns a’ cholbh mu dheireadh a sgrìobh mi tha earbsa mhòr ga chur ann an ciall mhuinntir na sgìre, agus an luchd-turais. Air sgàth slàinte agus maith gach coimhearsnachd bidh sinn an dòchas gun dearbh iad uile gum bheil iad a’ toillsinn na h-earbsa sin!

Ged nach robh cus dòchais agam gum biodh ùine neo cothrom iasgaich ann chuir mi slatan is acfhainn anns a’ chàr cuide ris a’ chòrr den gheadhachail a tha daonnan na phàirt den t-seòrsa turais seo, agus gu mì-fhortanach thill an uidheam gun ùrachadh eòlais air an t-sàl! Ach bidh cothroman eile ann tha mi ’n dòchas, agus bha mi cho farmadach air iasgairean eile ’s mi a’ faicinn nan sùlairean a’ bualadh air sìol ann an Loch Dhùn Bheagain! Chuir mi, ge-tà eòlas às ùr air a’ mheanbhchuileig, ach gu fortanach chùm frioghan gaoithe smachd an ìre mhath oirre.

A rèir aithris teaghlaich, nuair a bha mo shinn-seanair a’ togail cruach-fheòir san iodhlann air feasgar ciùin cuileagach is a thuirt nàbaidh ris gun robh “a’ chuileag dona”, fhreagair am bodach còir “cuin a bha i riamh math?” Ged a tha fios agam gum bheil cuid ann air nach cuir “a’ chuileag” cus dragh idir, na mo bheachd fhìn seo a’ phrìomh easbhaidh a th’ ann an sgìrean dùthchail a’ chinn a tuath ’s an iar. Tha cuimhne agam air fear a b’ aithne dhomh nach robh idir àrd, ag ràdh “nach math an àirde” ris an fhear mhòr aig an deach air ruigheachd air rud a bha suidhichte os an cionn. Fhreagair am fear mòr, le snodha-gàire,  gun chuir a’ chuileag-bheag tric dhachaigh e a dh’aindeoin a chuid meud!  Nuair a tha taghadh de sheallaidhean cho taitneach air feadh na Gàidhealtachd agus nan eileanan far an iarradh daoine ’s dòcha suidhe air feasgar samhraidh, tha a’ mheanbh-chuileag mhallaichte ag àicheadh sin dhuinn agus gar cur an teicheadh a bhroinn taighe!

Bhiodh Iain Noble ag ràdh rium gum bu chòir dhuinn dòigh a lorg air an glacadh ‘s an reic ann an cnogain, mar sògh a dh’fhaodadh a bhith cho cliùiteach ri sìol Bheluga!

Renewing my acquaintance with the dreaded midges on Skye last week, as so often before, I thought how this is the area’s only disincentive!

Allan Campbell
ailean@obantimes.co.uk