Beachd Ailein with Allan Campbell 18.6.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Bho chionn ghoirid tha mi air a bhith a’ cuimhneachadh mar a bhiodh m’  athair ag ràdh rium bho àm gu àm nam òige, gun robh an t-àm an “sgiath” fuilt a bh’ orm a bhearradh! Mar a dh’èirich dha mìltean eile tha mise cuideachd fìor fheumach air cliop a-nise! Chan eil cuimhne agam cuin a bha m’ fhalt cho fada, agus tha mi a’ faireachadh car mar caora dà-rùsg! Ged a tha mi air a bhith a’ feuchainn ri mo bhean a bhrosnachadh gus a dhol an sàs leis an t-siosar chan eil i deònach, agus a rèir choltais chan eil agam ach a bhith foighidneach, agus ma dh’fheumas ’s dòcha figheachan a chur na mo logaidh!

Dh’ionnsaich mòran mharaichean, gu h-àraidh saoilidh mi an fheadhainn a bha sa chabhlaich mharsanta, sgilean borbaireachd fhad  ’s a bha iad aig muir agus bha m’  athair cho ealanta leis a’ “mhachine” is gun robh a’ mhòr-chuid de fhir a’ bhaile a’ tighinn thuige nuair a bha feum aca air am falt a ghearradh. Bhiodh feadhainn eile a’ gearradh falt cuideachd ach cha robh iad cho sgileil a rèir choltais.  Nuair a bha mi mu naodh neo deich bliadhna a dh’aois is m’ athair air falbh mìosan an t-samhraidh air “bàtaichean-luath” Chluaidh, tha cuimhneam a bhith an taigh mo sheanar is nàbaidh, aig an robh cliù geur-chainnt, air chèilidh. Thuirt mo sheanair gun robh e feumach air cliop ach nach robh e cinnteach co thuige a rachadh e is m’ athair air falbh, agus dh’iarr e beachd an neach-tadhail air duine àraid eile sa bhaile mar bhorbair. “Uill” ars an cèiliche “thug am fear sin am falt dhìomsa turas is cha leigeadh an nàire leam mo bhonaid a thoirt dhìom fiù ’s san leabaidh fad chola-deug!”

’S math cuimhneachadh air an seòrsa eirmseachd a bha cho bitheanta an uairsin, agus thèid na bacaidhean a th’ oirnn seachad a dh’aithghearr tha sinn an dòchas. Gun teagamh tha fadachd air daoine airson iomadach goireas agus seirbheis nach gabh faotainn an-dràsta, eadar cothrom air fiaclair, gruagaire, neo bùth àraid, agus tha na mìltean ag ionndrainn a bhith ag amharc an cuid spòrs seachdaine agus theagamh pinnt leanna neo drama na dhèidh.  Ach tha an suidheachadh a th’ againn an-dràsta na dheagh chuimhneachan dhuinn air cho neo-ar-thaingeil ‘s a tha sinn anns a’ bhitheantas air sochairean de gach seòrsa a tha sinn a’ cur gu feum nar beatha làitheil. Mar a dh’èirich dha uimhir de bhuannachdan, eadar càirdean agus goireasan, cha chuirear luach da-rìribh orra chun am bheil iad air an àicheadh dhuinn! Nach bu mhath gun cuimhnicheamaid air sin nuair a bhios an aonarachd seachad, agus gun gabh sinn a h-uile cothrom air ùine an cuideachd chàirdean agus charaidean a tha cudromach dhuinn.

Lockdown restrictions highlight how much in life we take for granted, whether it be the company of family and friends or the convenience of services. Will we appreciate these more when things return to “normal”?

Allan Campbell
ailean@obantimes.co.uk