Beachd Ailein with Allan Campbell 11.06.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Chan e an ro-chabhag as fheàrr! ’S i an fhoighidinn mhath a chlaoidheas an anshocair! Chan eil gainnead comhairle sheanfhacal againn air gliocas foighidinn, agus dha fear aig am bheil cliù a bhith car mì-fhoighidneach dh’fhaodadh gur e rud math a th’ ann dhòmhsa gum bheil foighidinn air a bhith air m’ aire bho chionn ghoirid.

Ag èisteachd ri neach-labhairt bho ghnìomhachas turasachd a’ gearan mun aonarachd cola-deug a tha a-nise mar fhiachaibh air feadhainn a tha a’ siubhal gu ruige Breatann, cha mhòr nach saoileadh neach gur e an riaghaltas a dh’adhbharaich Covid 19.

Far am bheil èiginn an tinneis agus cruadal eaconamach a’ cogadh tha an dùbhlan aig luchd-riaghlaidh nas dòrainniche na bha riamh, agus ged a thuigear dìth foighidinn luchd-gnothaich chan fhaodar beatha a’ mhòr-shluaigh a chur an tuilleadh cunnairt gus gnìomhachas sam bith a riarachadh.

’S e faoineas eagalach a bhiodh ann toirt a chreidsinn oirnn fhìn gum bheil a’ choròna-bhìoras dol a dh’fhalbh cho luath ‘s a thàinig i. Aig an aon àm tuigear carson a tha daoine a’ faighneachd cionnas is ann aig an ìre seo a tha leithid de smachd ga chur air luchd-siubhail an dèidh dha milleanan tighinn is falbh gun bhacadh sam bith fad mhìosan.

Tha an aon rud fìor a thaobh an Riaghaltais a bhith a-nise ag iarraidh gun cleachd luchd-obrach agus luchd-tadhail ionadan-slàinte de gach seòrsa brat-gnùise, an dèidh uimhir de dh’ùine far nach robh sin ga iarraidh.

Ach a’ faicinn bàs Sheòrais Floyd agus modh-giùlain brùideil chuid de dh’oifigearan phoileas Ameireagaidh an aghaidh dhaoine dubha, am bheil da-rìribh dearbhadh againn gum faigh foighidinn furtachd?

’S i fianais mhìltean slòigh ann an iomadh dùthaich gum bheil gràin-cinnidh fhathast ann an saoghal “saor” beartach thaobh an iar an t-saoghail, na dùthchannan sin a tha gam meas fhèin mar shàr eisimpleirean saorsa agus deamocrasaidh.

Ma tha a’ mhòr-chuid againn gu bhith onarach feumaidh sinn aideachadh gum bheil sinn air eisimpleirean de ghràin-cinnidh fhaicinn tric gu leòr, ach chan ionann sin is am pian ’s an t-eagal a dh’fhuiling iadsan a bha thall ‘s a chunnaic, agus a tha iad a’ fulang gach latha fhathast ann an Ameireagaidh agus san dùthaich seo cuideachd. Tha an fhìrinn tric searbh, agus feumar aideachadh nach do bhuannaich leithid Lincoln agus Wilberforce, sònraichte ’s gun robh na rinn iad, ach na ciad cheumannan beaga san t-srì gus co-ionannachd chòraichean agus aithne dha daoine de gach dath craicinn.

Bliadhnaichean air ais choinnich mi air ceann-cinnidh tùsanach Apache ann an Ameireagaidh agus thuirt e gun deach e na “laoch” air tìr air Tràigh Omaha san Dàrna Cogadh, agus nuair a thill e dhachaigh beò chaidh a chur air ais gu tèarmann thùsanach. Chuala mi bho chionn ghoirid neach-obrach seirbheis slàinte ag ràdh gur e an cunnart a bhith nad “laoch” gum bheil dùil ri laoich bàsachadh!

An online dictionary says that an example of ‘democracy at work’ is in the United States, where people have political freedom and equality. Will George Floyd’s family agree?

(Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk