Allan Campbell: Beachd Ailein – 14.5.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Cha robh e na iongnadh sam bith gun d’ rinn a’ Bhanrigh Ealasaid ceangal eadar uabhasan an Dàrna Cogaidh agus na tha daoine a’ fulang le sgrios Covid 19. Bha i a’ craoladh bheachdan a’ comharrachadh ceann-bliadhna latha VE, nuair a ghèill Nàsaich na Gearmailte agus a thàinig crìoch air an Dàrna Cogadh san Roinn Eòrpa. Gu ìre bha an saoghal gu lèir a’ cur clach air càrn-cuimhne na milleanan a chaill am beatha san tachartas oillteil sin agus a’ mhòr-chuid a’ feuchainn ri tuigsinn cò ris a bha e coltach naidheachd sìthe a chluinntinn seachdad ‘s a còig bliadhna air ais. Bha sinn a’ feuchainn ri tuigsinn ri linn ’s nach eil mòran air fhàgail aig am bheil cuimhne air an latha, agus tha nas lugha buileach beò a bha an sàs sa chòmhstri! Ach abair gum bheil gach neach dhiubh airidh air cuimhne, agus urram, na càirdean sin nach b’ aithne dhuinne riamh ach an ainmean agus ma tha sinn fortanach, ’s dòcha dealbh neo dhà de dhaoine òga. Ginealach caillte, agus bu thruaighe iomadh coimhearsnachd agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan nam measg sin. Buille chruaidh eile dha na Gàidheil, gu h-eaconamach agus gu cultarach, agus tha a’ bhuaidh nochdte fhathast.

Ged a thill mòran beò dh’fhàg na chunnaic is na dh’fhuiling iad lotan air bodhaig is inntinn nach do leighis gu tur riamh. Cluinnear bitheanta nach robh an fheadhainn a thug am beatha às a’ bhlàr deònach bruidhinn mun a’ chogadh, agus ’s e pàirt den adhbhar sin gun dùisgeadh sin cuimhne air eagal do-chreidsinneach ri uchd bualaidh. Cha b’ ann den deòin a bha iad ann ach air sgàth ’s nach robh roghainn aca, ach rinn iad na chaidh iarraidh orra agus mòran aca le gaisgeachd iomraiteach! ’S fhiach cuimhneachadh cuideachd air na geallaidhean a bhreug air falbh iad, ’s gum biodh dùthaich freagarrach air gaisgich romhpa a’ tilleadh. Cha robh an sin ach aon de na geallaidhean nach deach a choileanadh dhaibh, agus b’ fheudar dha iomadach Gàidheal òg a thàinig beò à uabhas cogaidh a’ choimhearsnachd fhèin a thrèigsinn air sgàth dìth cosnaidh is dachaigh, is freumhachadh ann am baile-mòr às nach do thill e. ’S e cùis-nàire dhan dùthaich cho beag aithne is taic ‘s a tha feadhainn a chaidh an aghaidh cunnart às ar leth a’ faotainn, chan eil dùthaich againn fhathast freagarrach dha gaisgich!

’S e nàmhaid eadar-dhealaichte ris am bheil luchd-seirbheis na slàinte a’ sabaid an-dràsta, ach tha e pailt cho iargalta agus cunnartach, agus nach bu chòir gun toireamaid duais a rèir an cuid gaisge dha na laoich sin!

Her Majesty the Queen’s VE Day message rightly urged us to remember how much we owe to those who gave so much for our freedom. We should also remember the cultural, social, and economic damage added to war casualties by the failure to deliver the promised “land fit for heroes”.  Let’s make certain the health-care heroes of the Covid 19 conflict are suitably recognised!

Allan Campbell
ailean@obantimes.co.uk