Allan Campbell: Beachd Ailein – 19.3.20

Want to read more?

We value our content  and access to our full site is  only available with a  subscription. Your subscription entitles you to 7-day-a-week access to our website, plus a full digital copy of that week’s paper to read on your pc/mac or mobile device In addition your subscription includes access to digital archive copies from 2006 onwards

Just want to read one issue? No problem you can subscribe for just one week (or longer if you wish)

Already a subscriber?

 

Subscribe Now

Ged a bha rudan misneachail anns an t-seachdain thrang seo chaidh feumaidh mi a’ ràdh gun robh i cuideachd beagan neònach, agus draghail. ’S ann ri linn eus-shlàint a choronabhìoras a tha an dragh sin air a bhith a’ dol am meud, agus an t-astar aig an sgaoil tinneas na dhearbhadh air cho beag sa tha an saoghal air fàs. Cha ghabh deasachadh èifeachdach dèanamh ma choinneimh dùbhlan air nach aithne agus ged a nì eòlaichean nas urrainn dhaibh ma choinneimh na bhìoras seo tha iad gu ìre mhòr ag obair air thuairmeas.

Tha sin a’ ciallachadh nach eil cinnt gun ruig fàs a’ ghalar àrd ìre mu dheireadh a’ Chèitean mar a thathas an dùil, le dòchas gum bidh e a’ tòiseachadh air lagachadh toiseach an fhoghair. Dè na riaghailtean eile a thig oirnn anns na seachdainean is na mìosan romhainn anns an iomairt gus smachd air choireiginn a chumail air sgaoileadh an tinneis? Agus dè bhuaidh a tha seo dol a thoirt oirnn mar shluagh ’s mar choimhearsnachdan, ann an seadh sòisealta agus gu eacanomaigeach? ’S e fìrinn na cùise nach eil dad a dh’fhios againn, ach tha mòran a-nise ag ràdh gum bheil an saoghal againn uile gu bhith eadar-dhealaichte mun àm a bhios seo seachad! Tha e uile car dubhach, agus ’s docha gur e sin a bha gam fhàgail fhìn a’ cuimhneachadh air mar a bha daoine ag innse dhomh mun cuid fhaireachaidhean an latha chaidh an Dàrna Cogadh a ghairm. Draghail!

Bheir dìth spòrs de gach seòrsa toil-inntinn air falbh bho na mìltean ach gu h-annasach mura tèid taighean-seinnse a dhùnadh is a chasg tha fhios gum bidh a cheart uimhir de chunnart dha daoine air an cròthadh còmhla unnta sin. Càite an tèid crìoch air bacaidhean chruinneachaidhean sluaigh? Am feumar eaglaisean, oifisean, agus ionadan-giollachd de gach seòrsa a dhùnadh? Dè mu thaighean-òsta agus taighean-bidh? Gu cinnteach chan eil farmad agam ris an fheadhainn ris am bidh na co-dhùnaidhean sin an urra!

Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo tha mi ’n dùil gum bidh fios air nochdadh gum bheil clàr nam Mòdan Ionadail feadh Alba air an t-samhradh seo an cunnart a bhith air a chur dheth, air sgath nan àireamhan sluaigh a bhios gam frithealadh. Gun teagamh tha sin gu bhith air leth tàmailteach dha na tha an sàs annta, ach tha dleastanas oirnn slàinte a’ mhòr-shluaigh a dhìon. Thuirt feadhainn rium gur saoil iad ma thèid na Mòdan Ionadail a chur dheth am bliadhna gum bidh cuid dhiubh a bhios doirbh an ùrachadh an ath-bhliadhna. Gabhaidh sin tuigsinn, ach feumar dìcheall a dhèanamh gus nach tachair sin oir b’ e peanas thar tomhais a bhiodh ann gun dèanadh a bhìoras seo cron air a’ Ghàidhlig!

Dè mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2020 ann an Inbhir Nis? Bidh sinn beò an dòchas!

Coronavirus is frightening, as in many ways are the strictures being imposed in the battle to manage it. May it pass swiftly!

Allan Campbell
ailean@obantimes.co.uk